Iain Dòmhnallach (Hoddan)
Iain Dòmhnallach (Hoddan) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Pabail, 1925 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 4 dhen Chèitean 2007 |
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | seinneadair |
Inneal-ciùil | guth |
B' e sàr-sheinneadair Gàidhlig a bh’ ann an Iain Dòmhnallach (1925 - an Cèitean 2007) no Hoddan, mar a chanadh ris.
Rugadh agus thogadh Iain ann am Pabail Uarach, anns an Rubha, Leòdhas, am measg ceathrar pheathraichean; Dolina, Magaidh Anna, Murdina is Seasaidh, agus a bhràthar Calum. Bhiodh athair, Aonghas Dòmhnallach (Tonkan) ri bàrdachd, agus thog sin meas dha air òrain bho na bha e gu math òg. ’S aithne gum biodh e a’ tadhal air na taighean-cèilidh cho luath ’s a bha cead aige, is e cho dèidheil air na sgeulachdan, seanchas is òrain a bh’ aig na seòladairean, agus ’s ann an sin a thòisich ri seinn.
Dh'fhàg e an sgoil gu h-òg, is thòisich e obair air a' phort-adhair, ach an dèidh treis ghluais e dhan a' Ghearastan, is phòs e Seonag NicCoinnich, à Liùrbost, ann an 1949, agus dh'fhuirich iad ann an Inbhir Nis fad treis. Thill an dithis a Leòdhas ann an 1950, is rugadh an cuid chloinne - Chris Ann, Dolina, Iain agus Aonghas.
Bha Iain gu math measail air ball-coise, is chanadh e gum b’ fheàrr leis a bhith a’ cluich na a bhith a’ gabhail òrain, is bha e na bhall de Sgioba an Rubha fad bhliadhnaichean, agus chluich e airson Chlach na Cùdain cuideachd fhad ’s a bha e ann an Inbhir Nis.
Bha e an sàs ann an diofar obraichean ann an Steòrnabhaigh is ann an Glaschu, far an do ghluais e ann an 1970, agus ’s ann a’ dràibheadh a choisg e cuid mhòr a bheatha.
Ge-tà, cha do sguir e idir a sheinn, is bha an dòigh aige cho ealanta is nàdarrach, ’s gun do dh’fhàs e gu math cliùiteach am measg nan Gàidheal, is cha b' ainneamh gum biodh e a' gabhail pàirt ann am prògraman telebhisein is rèidio, agus tachartasan cultarail sam bith far an robh ceòl Gàidhlig ri fhaighinn. Bhiodh bàird a' dèanamh òran gu sònraichte dhasan a bhith gan seinn, a leithid Coinneach MacLeòid (Red) agus Donnchadh Greumach (Dodd), is bha comas sònraichte aige air na h-òrain èibhinn bhriathrail, a leithid Bàs an Eich, Òran a' Ghuga, Òran an A.I. 7c, ach bha e a cheart cho comasach air faireachdainn a chur air òrain chianail ghaolmhor.
’S ann ann an 2007 a shiubhail Iain, ach dh'fhàg e dìleab phrìseil de chlàraidhean a chuireas gàire fhathast air na ginealachdan a tha ri tighinn.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- http://www.tobarandualchais.co.uk/en/fullrecord/67689/1 Solas an Dealain le Iain "Hoddan" Dòmhnallach ann an 1985
- http://www.bbc.co.uk/alba/oran/people/iain_domhnallach_hoddan/ Bliadhna nan Òran
- http://www.bbc.co.uk/alba/oran/programan/bu_dual_a_bhith_seinn/iain_hoddan_domhnallach_orain.shtml?emp1=2 Bu Dual a Bhith Seinn
- https://web.archive.org/web/20211028150646/http://siar.fm/hoddan/index.html Làrach lìn an t-seanadair