Iain Caimbeul (na Leadaige)

O Uicipeid
Iain Caimbeul (na Leadaige)
Beatha
Breith Latharna, 1823
Dreuchd
Dreuchd bàrd

Rugadh Iain Caimbeul anns an Leideag, faisg air an Òban, ann an 1823. Nuair a bha e fhathast na bhalach òg, rinn an teaghlach imrich a Meudarloch, nach eil ach corra mhìle bhuaithe. Fad iomadh bliadhna, bhiodh athair ag obair na mhaighstir-sgoile ann an Sgoil na Leadaige, far an d' fhuair Iain fhèin fhoghlam. Chosg e ùine ann an Glaschu, ach cha do chòrd sin ris, agus às dèidh greiseig thill e a Mheudarloch, agus fhuair e obair a' ruith Oifis a' Phuist. Bhiodh e os cionn choinneamhan soisgeulach ann an uaimh faisg air an taigh aige. Chaochail e ann an 1897.[1]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. (1908): ann an: Malcolm C. Macleod: Modern Gaelic Bards. Stirling: Eneas Mackay.