Jump to content

Iain A. MacDhòmhnaill

O Uicipeid
Iain A. MacDhòmhnaill
Beatha
Breith Camas Tianabhaig, 1920
Dùthaich  Alba
Bàs 1980
Foghlam
Cànain Beurla
Gàidhlig
Dreuchd
Dreuchd neach-teagaisg agus ùghdar
Fastaichean Colaiste Chnoc Iòrdain

Dh'obair Iain A. MacDhòmhnaill (19201980[1]) (Beurla: John ('Jake') A. Macdonald) ann am foghlam Gàidhlig. Sgrìobh agus dheasaich e mòran theacsaichean cuideachd.

Cladach Chamas Tianbhaig

'S e a shloinneadh Iain Sheòruis Mhóir.[1] Rugadh e ann an Camas Tianabhaig, An t-Eilean Sgitheanach.[1]

B'e Ceannard Roinn na Gàidhlig aig a' cholaiste Cnoc Iòrdain, Glaschu a bha ann suas gu 1978.[1] Bha e air a' chomataidh a sgrìobh a' chiad aithisg ann an 1980 air Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig no GOC.

Sgrìobh e cùrsa do luchd-ionnsachaidh a nochd ann an Gairm leis an tiotal 'A New Course in Gaelic'. [2]

Dheasaich Iain A. MacDhòmhnaill an leabhar Crìochan Ùra : Trusadh de rosg is de Bhàrdachd o’n ràitheachan Gairm a chaidh fhoillseachadh le Gairm ann an 1958.

Clàr-leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • MacDhòmhnaill, Iain A. (1980). 'Blar a’ Chumhaing agus Cor nan Croitearan 1882-1883', ann an Oighreachd agus Gabhaltas, deas. Dòmhnall MacAmhlaigh. Obar-Dheadhan: Roinn an Fhoghlaim Cheiltich Oilthigh Obar-Dheadhan. dd. 12-22. (mu ‘Bhlàr a’ Bhràighe’ mar as aithnichear sa Bheurla a-nis)
  • MacDhòmhnaill, Iain A. (deas.) (1958) Crìochan Ùra : Trusadh de rosg is de Bhàrdachd o’n ràitheachan Gairm, air a chur ri chèile (Glaschu: Gairm)
  • Grannd, D. (1971) Tìr an Aigh: taghadh de na sgrìobhaidhean aig Dòmhnall Grannd Iain A. MacDhòmhnaill (deas.) (Glaschu: Gairm)


Sgrìobhaidhean mu a dheidhinn

[deasaich | deasaich an tùs]
  • 'An Aithne Dhuibh...?' Gairm 12, 1955, d.315.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 (MacThòmais, Ruaraidh?), 1955. 'An Aithne Dhuibh ...?', Gairm 12, d. 315.
  2. 'A New Course in Gaelic (VII)' Gairm 33, Am Foghar 1960, dd.45-7.