Hyères
Hyères
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Fhraing | ||||
Ceàrn | Provence-Alpes-Côte d'Azur | ||||
Sgìre | Var | ||||
Co-chomharran | 43° 07' 12 Tuath 06° 07' 54 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 132.28 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 55,135 (2008) | ||||
Dlùths | 416.81/km² | ||||
Àireamh fòn | 04 83 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.ville-hyeres.fr |
‘S e port agus baile meadhanach ann an ceann a deas na Frainge a th’ ann Hyères (IPA: 'jɛʁ, Ocseadanais: Iero, IPA: 'jeɾɔ). ‘S ann às an fhacal Laideann Araea, neo boglach saillte a th’ann ainm a’ bhaile.[1] Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 963 mar Eras. Tha e suidhichte eadar 0m agus 364m os cionn ìre na mara (42 ann am meadhan),[2] 65km air falbh bho Mharseille agus 702km bho Pharis prìomh-bhaile na dùthcha.[3] Tha 55,135 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[4] Tha gnothaichean turasachd agus gnìomhachas a’ phuirt agus àiteachas gu math làidir an seo.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]Thog na Greugaich daingeanach anns an sgìre anns an IV linn R. C. ris an canadh Olbia.[5] Chruthaich na Ròmanaich port ris an canadh Pomponiana dìreach ri taobh Olbia anns an 2na linn R.C.[6]
Chaidh Olbia a mhilleadh leis an Rìgh Gontran ann an 578. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an dà sgrìobhainn bho 963: litir eaglaiseil bhon Phàp Leon VIII agus èigheachd bho Conrad, Rìgh na Bourgogne agus Provence, a thug am baile is an sgìre do dh’ Abaid Montmajour. Thog Guillaume de Marseille Caisteal Hyères anns an 11mh linn, an dèidh do ruaig a thoirt air na Arabaich[7]. ‘S e an 8mh baile na bu motha na Provence a bh' ann Hyères aig toiseach an 14mh linn, le mu 5,000 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile, ach chaochail mòran dhuibh leis a' Phlàigh, a ràinig ann an 1347. Cha robh ach mu1,900 daoine an seo an ceann ciad bliadhna.
Daoine ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Chuir Robert Louis Stevenson dà bhliadhna seachad ann an Hyères, eadar 1883 agus 1885, dìreach mar Joseph Conrad agus Lev Tolstoj. A bharrachd air sin, chaochail an sgrìobhadair Saint-John Perse (1887 – 1975) ann an Presqu’Île de giens, dìreach ri taobh a’ bhaile, agus bha taighean aig Edith Warton agus Paul Bourget ann an Hyères cuideachd.[8]
(air a dhèanamh le Uicipeid)
Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Coni (An Eadailt)[9]
- Koelkelberg (A' Bheilg)[10]
- Rottweil (A' Ghearmailt)[11]
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Toponymie des communes du Var
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Frainge
- ↑ Fouilles à Olbia, Jacques Coupry, Revue Gallia, duilleagan 3-33, CNRS, 1954
- ↑ Jacques Coupry, Le Site Antique d'Olbia, Revue Archéologique, 1947, duilleagan 12-22
- ↑ Henry de Gérin-Ricard, Actes concernant les vicomtes de Marseille et leurs descendants, Picard, 1926
- ↑ La Côte d'Azur des écrivains, C. Arthaud agus E. Paul, Edisud 1999
- ↑ Mineastralachd na Dùthchanan Cèin
- ↑ Fiosrachadh na Comhairle
- ↑ Mineastralachd na Dùthchanan Cèin