Ogsatanais
Coltas
(Air ath-sheòladh o Ocseadanais)
| occitan, lenga d'òc | ||
|---|---|---|
| Fuaimneachadh | [ˈɒksɨtən] | |
| Far a bheil i 'ga bruidhinn |
| |
| Luchd-labhairt iomlan |
1,000,000-3,700,000[1] | |
| Teaghlach-chànan |
| |
| Siostam-litreachaidh | Aibidil Laideannach | |
| Inbhe Oifigeil | ||
| Far a bheil i 'na chànan oifigeil | Catalòinia (an Spàinn), mar Cànan Aranese ann an Gleann Aran | |
| 'Ga riaghladh le | Occitan Academy in progress | |
| Còdan Cànan | ||
| ISO 639-1 | oc | |
| ISO 639-2 | oci | |
| ISO 639-3 | oci | |
'S e cànan Innd-Eòrpach a tha ann an Ogsatanais. Canar lenga d'òc rithe san chànan fhèin no langue d'oc ann am Fraingis. 'S e mion-chànan a th' ann, tha e ga bruidhinn ann an Aquitaine, Auvergne, Languedoc-Roussillon, Limousin, Midi-Pyrénées agus anns a' Phrovence san àirde a deas na Frainge. Ach tha an cànan ri cluinntinn cuideachd ann an roinnean den Spàinn, den Eadailt is de Mhonaco. Tha an cànan glè choltach ri Catalanais.
Tha iomadh dual-chainntean de dh'Ogsatanais ann: Auvergnat, Gascon (an lùib Aranese), Languedocien, Limousin, Provençal, agus Vivaro-Alpine.