Jump to content

Honshū

O Uicipeid
Suidheachadh Honshū
Mount Fuji aig èirigh na grèine

'S e Honshū an t-eilean as motha a th' anns an t-Seapan. Tha e suidhichte anns a’ Chuan Sèimh, deas air Hokkaidō agus tuath air Shikoku.

Tha Honshū cho mòr ri 227,962.59 cilemeatair ceàrnagach agus mar sin 's e Honshū an seachdamh eilean as motha air feadh an t-Saoghail.

Anns a’ bhliadhna 2005 bha timcheall air 103,000,000 duine a’ fuireach air an eilean fhèin, tha Tokyo am baile as motha a tha ann.

'S e Fujiyama a’ bheinn as àirde air an eilean, tha e 3,776 metair os cionn na mara.

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: