Happoshu
Coltas
Is e Happoshu (発泡酒 happōshu lit."deoch-làidir chroiceach") aon seòrsa dibhe, mar a th' air a sònrachadh fo lagh cìs-dibhe na h-Iapain. Leis na th' ann de dheochan le blas coltach ri leann san dùthaich, thathar a' sònrachadh lionntan dèanta le stuthan eile seach na tha ann an "leann ceart" fon ainm Happoshu gus an dealachadh fo lagh cìs na dibhe. Tha an lagh ag amas gu sònraichte air na deochan Happoshu a thàinig a-mach sna 1990an. Is ann fo ìre cìse ìosal a tha iad, agus mar sin, tha iad air an reic aig prìs ìosal cuideachd.