Jump to content

Hobbit

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Hàbad (Meadhan-thalmhainn))
Cnoc aig Hobbits

Tha Hàbadan (no Hobbit(ean)) 'nan sliochd à tìr Mheadhan-talmhainn dealbhte le J. R. R. Tolkien. Nochd Meadhan-talmhainn son a' chiad uair san leabhar The Hobbit. Tha prìomh-àite aca cuideachd ann an Tighearna nam Fàinneachan.

Dealbh-chunntas

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha eadar dà ri ceithir troighean a dh'àirde anns na Hàbadan, an àirde chumanta 'bhith 3 troighean 's leth, le cluasan socach beagan agus casan mòra molach le buinn leathrachaile, do bhrìgh le cha cur brògan mu am casan. Tha iad an dèidh air beatha sìtheil, gun deuchainn le tuathanachas, ithe, 'gus àm le càirdean. Maireann rudeigin nas fhaide na daoine daonna, 's thèid do Hàbadan suas do 130 bliadhna air uairibh mhaireann (le 100 bliadhna cumanta). Tha 'n aois ri "thighinn gu inbhe" do Hàbad òg 33, an àite 21 bliadhna ri daoine daonna. Mar sin bhiodh Hàbad le 50 bliadhna aois meadhan-aosda 'mhàin. 'S toil le Hàbadan ag òl leann aig taighean-leanna, cha eu-coltach na muinntir na dùthcha na Sasainn, a bha 'n dùsgadh-inntinn Tholkien. 'S urrainn dhuinn ain cuideachd fhaicinn 'san ainm a roghnaich Tolkien dham chuid a' Mheadhain-thalmhainn far a dh'fhuirich na Hàbadan: tha "An t-Sìorrachd" coltach gu soilleir dhan ainmean nan sìorrachdan Sasainn (e.g., Lancashire, Shropshire).

Tha Hàbadan càirdeach ri Daoine gu follaiseach, agus tha iad comharraichte ri meanglan an t-sìol sin. Tha am bun eagarra neo-aithnichte, ach leis an Treas Linn mhoch bha iad a' fuireach 'san Srathan an Anduin 'san Rhobhainion.

Tha Hàbadan cuideachd air chantainn ri Luchd-leth ('san Sindarin, perian aonar agus periannath iomarra) seach an àirde bheag. Ge-tà, tha 'n facal beagan cronail ri Hàbadan, seach dhaibh fhèin chan eil iad 'leth' de rud sam bith, agus cha chleachd iad an facal a thoirt iomradh orra fhèin gu dearbh. Tha 'n bunachas Tholkien air 'Hàbad' ùidheil cuideachd: cruthaichte gu soilleir gun ro-bhath, bhiodh nàdarra dha ga cheangal dhan ro-leasachan na Gearmailtise hob ciallachadh beag (e.g. hobgoblin (bòcan)). Ge-tà, tha 'n ro-leasachan seo a' cur là air an 13mh Linn "a-mhàin", ro-fhadalach leis na h-inbhean Tholkien, 's mar sin rinn e bunachas eile, às an Sean-Bheurla hol-bytla, "còmhnaiche-tuill". Nuair nas fhadalaiche thòisich e ag obrachadh air na cuideachdan nam cànanan nas fhaide, bha Hàbad a bhith bunaichte às an Rohirris (gu fìor Sean-Bheurla - a bheil Rohirris co-shìnte ri 'san domhan Tholkien) Holbytlan (toglaichean-tuill). 'San Westron àrsaideach, bha 'n t-ainm Kuduk (Hàbad), bunaichte às an Rohirris àrsaideach kûd-dûkan (còmhnaiche-tuill).

A-rèir ri Tolkien, bha am facal hàbad an ciad bunabhas de An Hàbad a chruthaich e. Ri neach-teagaisg de oilthigh, mar a chaidh an sgeul, b' e 'san obair de cheartachadh aithisgean nuair thòisich e sgrìobadh air mìr phàipeir, "Ann an toll 'san talamh dh'fhuirich ann Hàbad", agus chinn an lìonmhorachd nan sgeulan às sin. 'S e math a thoirt fa-near, ge-tà, gun robh an smuain nan creutair beag fuireach ann an tuill dèanta eòlach air Tolkien le aon a oileanaich ann an sgeul a sgrìobh e.

Roinn nan Hàbad ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged anns An Hàbad 's e toirt iomradh air Gandalf a "bha 'n urra ri mòran òganaich 's chaileagan ciùine 'dol de 'steach dham Ghorm ri deuchainnean saobha" chan eil ban-hàbadan air nochdadh anns na sgeulan Tholkien dèanamh sin; ge-tà th'ann ban-Hàbadan 'na obrachan, mar an Lobelia Sackville-Baggins chumhachdach.

Gu h-eachdraidheil, tha na Hàbadan àitheanta ri 'san Ghleann na h-Anduin air bhunachadh, eadar Mirkwood agus na Beinntean a' Cheò. A-rèir ris An Tighearna nam Fàinnean, tha iad na tuairisgeulan na sinnsireachd air chall timcheall mar a tha iad co-cheangailte ris a' chòrr a' chinne-daonna. Aig an uair seo, bh'ann trì cinne-Hàbad, le nàdaran eugsmhaile. Bha na Harfùtaich as cumanta agus ach beag ceudna dhan Hàbadan mar bha iad air thoirt dealbh air anns An Tighearna nam Fàinnean. Bha dàimh air uisge, bàtaichean is snàmh aig na Stùraich; bha na Fallohidich 'nan daoine dàna. (Bh' eadar nan dòighean seo nas ainnimhe ann an làithnean nas fhadalaiche.) Fad suidhichte 'san Ghleann na h-aibhne na h-Anduin dh'fhuirich na Hàbadan dlùth ris na dh'Éothéod, na sinnsearan nan Rohirrim, agus stiùir sin ri beagan cur fios gu eatorra. Cho buil tha mòran nam facal sean agus ainmean 'san "Hàbadais" 'nan sruth-fhclan nam facal 'san Rohirric, cho mòran ri a b' urrainn do cuideigin eadhon gun teagasg cànanach an caraid thuigsinn (sgrìobhadh Merridh nas fhadalaiche leabhar iomlan coisrigte dham chàirdeas, Ainmean Seana nan Ainmean-Àite 'san Sìorrachd).

Àmeigin dlùth dhan tòiseachadh na Treas Linn, ghabh iad orra fhèin, air adhbharan neo-aithnichte, ach 's dòcha gabhail a-staigh an cumhachd Mhordor, an obair dhain de dol thairis nam Beinntean a' Cheò. Ge-tà, dh'fhuirich roinn nan Stùraich an dèidh, 'gus 's e na luchd seo a thigeadh Gollum mòran bliadhnachan nas fhadalaiche. Ghabh na Hàbadan slighean eugsamhaile 'nan turas dhan Iar, ach re ùine thàinig iad ri tìr eadar an Abhainn Bharanduin (a dh'ath-ainmich iad Branndaidh-fìon) agus na Cnocan na h-Aimsire. An-siud bhunaich iad mòran tuineachaidhean, agus thòisich eadar na cinnean-Hàbad fhàs doilleir.

Mun cuairt an bliadhna 1600 na Treas Linn, shocraich dithis bràthair Fhallohideach, a-rithist air adhbharan neo-aithnichte, a dhol thairis na h-Aibhne Bharanduin agus àitich air an taobh eile. Lean meudan mòra nan Hàbad iad, agus a' chuid as motha an talamh sean air dhìobradh. Mhair Bridh agus beagan bailean cuairteachadh 'mhàin gus an deireadh na Treas Linn. Tha 'n tìr nuadh a bhunaich iad air a' bruach na h-Iar na h-Aibhne Bharanduin air chantainn ris an t-Sìorrachd.

Faodainn dealbh-dùthcha na t-Sìorrachd agus na tìrean aig an Eriador air lorgadh.

Gu h-àrsaideach, thug na Hàbadan na t-Sìorrachd facal air strìochdadh ainmeach dhan Rìghean deireannach na h-Arnor, an dìth 'g aideachadh an tighearnas, a' greasad am gillean-gnothaich, agus a chumail na drochaidean 's na rathaidean ann an leasachad 'mhàin. Fad an sabaid deireannach an aghaidh Angmar aig a' Bhlàr na Fornost, thagair na Hàbadan a chuir iad buidheann de saigheadairean a chuideachadh ach chan eil seo clàraichte àite sam bith eile. An dèidh dham bhlàr an rìoghachd na h-Arnor millte, agus 'san neo-làthaireachd an rìgh thagh na Hàbadan Morair na t-Sìorrachd bho am measg am ceann-cinnidh fhèin.

B' e 'n ciad Morair na t-Sìorrachd a th'ann Bucca na Marrise, a bhunaich an teaghlach nan Seanboc. Ge-tà, nas fhadalaiche chaidh 'n teaghlach Seanboc thairis an Abhainn Bharanduin a chruthaich an tìr air leth, an Tìr a' Bhoic, agus dh'atharraich an t-ainm an teaghlaich dham "Bhranndaidhboc" càirdeil. Dh'fhàs an àrd-athair an Maighstir na Tìre a' Bhoic. Leis an fhalbh nan Seanboc/Branndaidhboc, bha teaghlach ùr air roghnachadh a ghabhail an àite ri Morair, an teaghlach nan Tùc (Gu dearbh, bha Pippin Tùc 'na mhac a' Mhorair agus dh'fhàsadh e Morair fhèin nas fhadalaiche). Bha 'n Morair an urra ris a' Chòmhradh 'gus Cruinneachadh, am measg rudan eile, ach cho dh'fhuirich na Hàbadan na t-Sìorrachd beathannan ciùine, neo-thachartach bha 'n oifig a' Mhorair air fhaicinn cho rudeigin de riaghailt.

Seallaibh cuideachd

[deasaich | deasaich an tùs]