Jump to content

Gun dearbhadh

O Uicipeid

Is e Gun Dearbhadh (Not proven sa Bheurla) binn a dh'fhaodadh cùirt ann an Alba toirt a-mach. Fo lagh na h-Alba, tha trì binnean ri làimh aig an luchd-breithe; Ciontach, Neo-chiontach agus Gun Dearbhadh. Mar sin dheth, dh'fhaodadh deuchainnean eucoireach crìochnachadh le aon de trì breithean: breith dìtidh (ciontach), air neo aon de dhà bhreith saorachaidh (gun dearbhadh, neo-chiontach).

Ma bheirear breith Gun Dearbhadh, is e beachd na cùirte nach do dh'fhoghain an fhianais a chaidh a chur air adhart leis a' phrocadair airson ciont a dhearbhadh; ach, tha eas-aonta ann mu neo-chiontachd an neach a tha fo chasaid.

Is ionann, a-rèiste, buil nam breithean Gun Dearbhadh agus Neo-chiontach fon lagh, ged a dh'fhaodadh neo-chiontachd an neach-dhìona a bhith fo amharas ann am beachd a' mhòr-shluaigh fhathast, oir thathar a' saoilsinn gum faodadh e bhith ciontach ach nach robh gu leòr de dh'fhianais air a cruinneachadh leis a' phrocadair.

Gheibhear eisimpleir den bhuil seo bhon 19mh linn ann an Glaschu leis a' bhreith gun dearbhadh a chaidh a thoirt ann an cùis na mnà-uasail Madeleine Nic a' Ghobhainn a bha fo chasaid muirt. Bha beachd coitcheann ann gun robh i ciontach.