Jump to content

Guatavita (Cundinamarca)

O Uicipeid
Guatavita
gun bhratach Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Sgìre Guavio
Àirde 2680m
Co-chomharran 04° 56' 10' Tuath
73° 50' 06' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 247 km²
Àireamh-shluaigh 6,685 (2005)
Dlùths 27.06/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th’ ann Guatavita. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 2,680m os cionn ìre na mara agus agus 57km air falbh bho Bhogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dmu 14˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1593.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

Bha an sàr chànanaiche Joaquín Acosta Ortegón dhen bheachd gur e ainm Chibcha a th' ann Guatavita, mar as àbhaist ann an Cundinamarca. Tha e a' ciallachadh Treabhadh Taobh Thall a' Chnuic bho trì faclan ann an Chibcha: Gua – Ta - Vita.[3]

Sluagh a' bhaile

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha 6,685 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, neo 4,914, a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[4] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[5] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin ‘s e pàtran àireimh-shluaigh traidiseanta a th’ ann fhathast ann an Guatavita.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Guatavita, ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 92.5% dhe na daoine ann am Guatavita leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 19.1% dhe na dachannan.[6]

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Guatavita. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[7] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Mapa na Roinnean
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Guatavita Indígena
  4. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  5. Colombia Virtual
  6. Bileag fhiosrachaidh DANE
  7. Country Studies: Colombia