Gruf Hill
Co-chomharran: 58°56′25″N 3°11′00″W / 58.940306°N 3.183291°W
Gruf Hill | |
---|---|
Slighe air Gruf Hill le Mid Hill is Ward Hill air a' chùlaibh. | |
Àirde (m) | 189 |
Àirde (tr) | 620 |
Àirde rinneach (m) | 38 |
Màthair-mhullaich | Cuilags |
Suidheachadh | |
Suidheachadh | Mòr-thìr, Arcaibh |
Mapa cumadh-tìre | OS Landranger (6, 7) OS Explorer (462, 463) |
Comharradh-clèithe | HY320065 |
'S e beinn ann an Arcaibh, Alba a th' ann an Gruf Hill.
Suidheachadh
[deasaich | deasaich an tùs]Tha e suidhichte tuath air Hill of Midland aig ceann a deas an eilean Mòr-thìr, Arcaibh. Tha Gruf Hill 189m (620 troigh) de dh'àirde agus 's e Cuilags a mhàthair-mhullaich.[1] Tha slighe bheag a' leantainn thairis air Gruf Hill. Air mullach na beinne chithear clach mhòr leth-fhalaichte anns a' mhòine a bhios a' sealltainn a' phuing as àirde.
Air sgàth 's gu bheil àirde nam beann ag atharrachadh tro ùine, tha buidhnean eadar-dhealaichte gam measach bho àm gu àm. Rinneadh an t-ath-sgrùdadh mu dheireadh air Gruf Hill san 20 am Faoilleach 2012 agus chaidh na tomhasan a chruinneachadh air an liosta a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn "Database of British and Irish hills".[2]
Bho mhullach na beinne gheibhear deagh shealladh air an eilean Hòigh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Hill Bagging (Beurla)
- ↑ "Database of British and Irish Hills". Retrieved 8 an Lùnastal 2014 (Beurla).
{{cite web}}
: Check date values in:|accessdate=
(help)
Dealbhan
[deasaich | deasaich an tùs]-
Sealladh air Gruf Hill agus Hòigh