Greta Garbo
| Greta Garbo | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Ainm slàn | Greta Lovisa Gustafsson |
| Breith |
Katarina church parish (en) |
| Dùthaich |
|
| Bàs | Eabhraig Nuadh, 15 dhen Ghiblean 1990 |
| Àite-adhlacaidh |
Skogskyrkogården (mul) |
| Nàdar a’ bhàis |
adhbharan nàdarra (am fiabhras-clèibhe fàilligeadh nan dubhan) |
| Teaghlach | |
| Athair | Karl Alfred Gustafsson |
| Màthair | Anna Lovisa Johansdotter |
| Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
| Sinnsirean |
liosta
|
| Foghlam | |
| Foghlam |
Dramatens elevskola (en) (1922 - 1924) |
| Cànain |
Beurla Suainis |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | actair, actair film agus actair àrd-ùrlair |
| Àitichean-obrach |
Hollywood (mul) |
| Duaisean a fhuaras |
liosta
|
| Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
|
| Buaidh |
Henry G. Bieler (en) |
| Creideamh | |
| Creideamh | Lutharanachd |
| IMDb | nm0001256 |
| gretagarbo.com | |
|
| |
B' e actair nam film às an t-Suain a bh' ann an Greta Garbo air neo Greta Lovisa Gustafson (IPA: gre:ˈta lʊˈvi:ˈsa ˈgɵstafˈsɔn, Stockholm, 18 an t-Sultain 1905 - Eabhraig Nuadh, 15 an Giblean 1990).[1] B' e nighean Anna Lovisa agus Karl Alfred Gustafsson a bh' innte. B' e daoine gu math bochd a bh' annta: bha a h-athair na neach-obrach is bha a màthair ag obair ann an taigh-ghnìomhachais. Chuir an teaghlach seachad bliadhnaichean a' fuireach còmhla ann am flat beag suarach aig Blekingegatan 32, ann an ceann a deas Stockholm. Bha Garbo caran fiata diùid. Cha do chòrd an sgoil rithe idir. Chaochail a piuthar Alva Maria ann an 1926 nuair a bha Garbo dìreach 21. Bha bràthair aice cuideachd, a chaochail ann an 1967.
Chuir Garbo seachad na bliadhnaichean bho 1922 gu ruige 1924 na oileanach san Kungliga Dramatiska Teatern (air neo dìreach Dramaten), còmhla ri Vera Schmiterlöw.[2] Bha an dithis nan deagh charaidean fad am beatha. An dèidh na Sgoile Dhràma fhàgail rinn a' chiad fhilm aice, Gösta Berlings saga, stèidhichte air an nobhail a sgrìobh Selma Lagerlöf.[3] Chaidh i chun na Gearmailt far an robh i fad bliadhna. Dh' fhilmich i Die freudlose Gasse an suid.[4] Dh' fhàg ise an Roinn-Eòrpa airson nan Stàitean Aonaichte, far an robh gus a bhàsaich i. Bha i uabhasach fhèin soirbheachail anns na filmichean gun ghuth. Aig àm a' Chogaidh chuidich i ri beatha nan Iùdhach san Danmhairg a shàbhaladh.[5]
Filmichean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ IMDB
- ↑ Sveriges Radio
- ↑ Svensk Filmdatbas
- ↑ Filmportal Deutschland
- ↑ Brett, D., (2013), Greta Garbo: Divine Star, Lunnainn, Robson Press.