Jump to content

Greenlaw

O Uicipeid
Greenlaw, talla a' bhaile

'S e baile beag anns na Crìochan a tha ann an Greenlaw. Tha e suidhichte aig cois nam beanntan Lammermuir Hills faisg air Blackadder Water. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 42′ 0″ Tuath agus 2° 28′ 0″ Iar.

Ann an 2001 bha 579 duine a' fuireach an seo. [1]

Thàinig an t-ainm aige bho chnoc faisg air a' bhaile ris an canar "green law".

Bha e na phrìomh-bhaile dhen t-Siorrachd Bhearaig. Chaidh talla a' bhaile a tha air liosta nan Rìoghachd Aonaichte mar togalach eachdraidheal a thogail ann an 1831.

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Scotland's Census Result OnLine[dead link]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]