Jump to content

Gijón

O Uicipeid
Gijón
Xixón
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Asturias
Sgìre Asturias
Co-chomharran 43° 32′ 00″ Tuath
05° 42′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 22 km²
Àireamh-shluaigh 275,735 (2014)
Dlùths 12,533.41/km²
Àireamh fòn 98
Duilleag oifigeil A' Chomhairle

'S e baile mòr agus port faisg air Oviedo ann an Asturias (An Spàinn) a th' ann an Gijón (IPA: xiˈxon, Asturianis: Xixón, IPA: ʃiˈʃoŋ Laideann: Gigia). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath na dùthcha, aig 3m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Asturias fhèin. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 713. 'S e Asturianis agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo. 'S e am port, na bàtaichean-aiseig agus gnothaichean ceangailte ris a' mhuir a tha a' cumail eaconomaidh a' bhaile a' dol. Tha 275,735 duine a' fuireach ann,[1] am baile as motha sa Phrionnsalachd.

Freumhan an Ainm

[deasaich | deasaich an tùs]

'S ann gu math connspaideach 's a tha freumhan an ainm. Tha cuid ag ràdh gur ann à Gy (uisge) agus om (mu) ann an Ceiltis a tha ainm a' bhaile. Tha feadhainn dhen bheachd gur e egi (caol) agus gon (àrd) ann am Basgais a th' ann. Bheireadh sin Caol Àrd dhuinn sa Ghàidhlig an latha an diugh. Thuirt Miguel de Unamuno gur ann à saxum ann an Laideann. Tha teòiridh eile ann a chanas gur ann às an ainm Gegonius a th' ann.

Ged a bha daoine a' fuireach ann fad mìltean de bhliadhna ro làimh - gu seachd-àraidh nuair a bha na h-Arabaich ann - cha do nochd ainm a' bhaile ann an sgrìobhainn airson a' chiad turais ach ann an 713. Thàinig an rèile - ann an 1843.[2] Thuit am baile gu na Reubaltaich Faisisteach aig toiseach tòiseachaidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936. Chuairtich feachdan an Riaghaltais e fad mìos agus chuir iad ruaig orra.[3] A dh' aindeoin sin, b' e na Faisistich a bhuannaich aig a' cheann thall. Chaidh Campas Oilthigh Oviedo a stèidheachadh an seo an dèidh a' chogaidh.

Cruinn-eòlas

[deasaich | deasaich an tùs]

A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Gijón.[4] Cha tuit ach 728mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 445mm nas lugha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite caran fliuch a th' ann, an taca ri àiteachan eile san Spàinn

Bailtean Co-cheangailte

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. IDEPA
  2. Museos de Gijón
  3. Tripod
  4. Aemet
  5. A' Chomhairle