Jump to content

Garadh dubh

O Uicipeid

Is e garradh a tha a' cuartachadh Taobh Siar den Eilean Leodhas, a' dol bho Phort Nis anns an tuath (gu deas air Sgiogartsta) agus a' leantainn gu faisg air Carlabhagh. Chan eil fhios dè cho aosda sa tha e, ach tha arc-eolaichean den bheachd (SAR 36) gur ann an Linn an Umha a bhuineadh e, oir se sin an uair a thoisich duine a' fuireach air an taobh siar, nan rèir-sa. Is e balla gu math fada a th' ann ach cha deach mòran rannsachaidh dhèanamh air, ged gu bheil e follaiseach gur e seo pios mòr de eachdraidh an eilein. Tha pàirtean dheth air crìonadh ged a tha pàirtean dheth fhathast ri faicinn - gu sònraichte faisg air a' chosta an Nis.