Gainisg

O Uicipeid

Bha a' Ghainisg a' còmhnaidh am measg fòlach is luachair fhada mu bhruachan allt agus an oir lochan.

Bha i glè bheag na meudachd. Bhiodh i ri cluinntinn a' tuireadh 's a' bròn ro ànradh aimsir airson an fheadhainn a bha gu bhith air an call san doineann air muir no tìr.

"Gainisgeag bheag a' bhròin A' sileadh deòir a sùla!"

Their iad "gainisg" ris an t-seòrsa feòir a tha a' fàs air tanalaich nan loch.