Gabrielle Keiller
Gabrielle Keiller | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Bearaig a Tuath, 10 dhen Lùnastal 1908 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Bath (en) , 23 dhen Dùbhlachd 1995 |
Teaghlach | |
Athair | J. Wadsworth Ritchie |
Cèile | Alexander Keiller (en) |
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | cruinniche ealain agus neach togail dhealbhan |
B' e neach-spòrs agus cruinniche nan ealain a bha ann an Gabrielle Keiller.
Rugadh i ann am Bearaig a Tuath 10 an Lùnastal 1908 is a pàrantan a' tadhal a' bhaile agus thogadh i anns na Stàitean Aonaichte. Mar Ghabrielle Style dhràibh i carbadan-eiridinn rè a' chogaidh agus chluich i goilf agus bhuannaich i na farpaisean fosgailte Lucsamburg, Monaco agus na h-Eilbheis ann an 1948 agus Monaco a-rithist an ath-bhliadhna. Phòs i Alexander Keiller, àrsaidhear a shlocaich Avebury ann an 1951 agus dh'imrich iad gu Kingston-upon-Thames. Stad i goilf a chluiche as dèidh bàs a fear is dh'obair i mar shaor-thoileach anns an Taigh-tasgaidh Breatannach. Fhuair i rainse ann an Texas mar dhìleab is reic i e, is fhuair i pàirt den airgead den teaghlach Keiller, an do fhuair iad o mharmalaid, nuair a chaochail a fear. Chuir i an airgead seo ann an ealan os-fhìreach agus Dada as dèidh dhi tadhal Venice ann an 1960 nuair a thachair i ri Peggy Guggenheim. Chaochail i ann am Bath 23 an Dùbhlachd 1995.[1]
Alba
[deasaich | deasaich an tùs]Chaidh Tasg-lann Ealain Nuadh is an Latha An-diugh aig Gailearaidhean Nàiseanta Alba a stèidheachadh air cruinneachaidhean Keiller agus Roland Penrose.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Brown, David: “Obituary: Gabrielle Keiller”, The Independent. 12mh dhen Fhaoilleach 1996. Air a thogail 8mh dhen t-Samhain 2019.
- ↑ “Modern & contemporary art archive and special books”. Gailearaidhean Nàiseanta Alba. Air a thogail 11mh dhen t-Samhain 2019.