Fulangas Naomh Mata
Coltas
'S e Fulangas Naomh Mata (Gearmailtis: Matthäuspassion) pìos-ciùil sgrìobhte le Johann Sebastian Bach ann an 1727 a dh' aithriseas bàs Ìosa mar a chaidh innse leis an t-Soisgeulair Mata anns a' Bhìoball.
'S e obair do chòisir, òranaichean aon-neach, agus foireann-ciùil a th' ann, a bhitheas a' cleachdadh nan ionnsramaidean-ciùil ailt-fhidheall, beus-fhidheall, prò-bheus, duiseal, torm-fheadan, òbo, agus organ.
Tha ceithir àiriathan ann, gach fear airson òranaiche aon-neach difirte.
Ged a tha mòran ga measail a-nise mar a' phìos-ciùil as fheàrr do chòisir a chaidh a sgrìobhadh riamh, bha e air a dhìochuimhneachadh airson mòran bliadhnachan, gus an d' fhuair an ceòl-sgrìobhaiche, Felix Mendelssohn, lorg air ann an 1829.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Fulangas Naomh Mata (Flash) Helmuth Rilling