Flòraidh NicNèill
| Flòraidh NicNèill | |
|---|---|
|
| |
| Beatha | |
| Breith | Leideag, 6 dhen Dùbhlachd 1928 |
| Dùthaich |
|
| Bàs | 15 dhen Chèitean 2015 |
| Teaghlach | |
| Clann |
liosta
|
| Foghlam | |
| Cànain |
Beurla Gàidhlig |
| Dreuchd | |
| Dreuchd | seinneadair |
| Duaisean a fhuaras | |
| Inneal-ciùil | guth |
Bha Flòraidh NicNèill (Beurla: Flora MacNeil) (6 an Dàmhair 1928–15 an Céitean 2015)[1] ’na seinneadair Gàidhlig a rugadh agus a thogadh ann an Eilean Bharraigh. Rugadh i air an Leideig, faisg air Bàgh a' Chaisteil, ann an 1928. Bha seinneadairean air gach taobh dhen teaghlach, ach bhiodh i fhèin ag ràdh gur ann bho thaobh a màthar gu sònraichte a thug i am beartas òran a bha aice.
Chaidh i a dh'obair a Dhùn Èideann anns na bliadhnaichean às dèidh an Dàrna Cogaidh. Chlàr i mòran de dh’òrain do Sgoil Eòlais na h-Alba, ’s ghabh luchd-clàraidh leithid Hamish Henderson agus Alan Lomax ùidh shònraichte innte anns na 1950an. Dh'fhàs Flòraidh fìor ainmeil tro na bliadhnaichean airson a guth agus airson a dòigh seinn - an dà chuid am measg nan Gàidheal agus na b' fharsainge. A bharrachd air rèidio, telebhisean agus àrd-ùrlar ann an Albainn fhéin, sheinn i tric air feadh na Roinn Eòrpa agus an Aimeireagaidh.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ MacUilleim, Brian: “Flora MacNeil obituary” (Beurla), The Guardian. 15mh dhen Chèitean 2015. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2015.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- BBC Alba (2015-05-16): Sàr sheinneadair Flòraidh NicNèill air bàsachadh
- BBC Alba (2015-05-19): Flòraidh NicNèill, MBE, 1928-2015 - aithris bhideo 3:30 a dhʼfhaid
- Tobar an Dualchais: Flòraidh NicNèill[dead link]
- BBC: Bliadhna nan Òran: Flòraidh NicNèill