Jump to content

Fir Chlis

O Uicipeid
Na Fir Chlis

ʼS e iongantas nàdarra a thʼ anns na Fir Chlis - solais a chithear uaireannan san adhar air oidhche dhorcha sna sgìrean fada mu thuath no fada mu dheas air an Talamh.

ʼS ann aig domhan-leud nas àirde na 65° as tric a chithear na Fir Chlis. Ach ann an Albainn chithear uaireannan iad anns na sgìrean as fhaide tuath, agus caran tric ann an Arcaibh is Sealtainn. Chan urrainn fàisneachd a dhèanamh air taisbeanaidhean na Fir Chlis, ach tha iad a' nochdadh ann an cuairtean, tric a’ ruighinn bàrr a h-uile 11 bliadhna no mar sin.

ʼS e a tha gan adhbhrachadh, moileciuilean gasa (ogsaidean is naitridean) fo spionnadh mhìrean dealain sgaoilte ann am fànais le na brùchdaidhean lùtha bhon ghrèin a tha aʼ tachairt bho àm gu àm.

B' e Anders Jonas Ångström a' chiad duine a rannsaich speactram nam Fear Chlis agus dhearbhaich e gum b' ann diofraichte a bha e agus speactram na grèine.[1]

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Anders Ångström”, Physics Today. 13mh dhen Lùnasdal 2018. Air a thogail 10mh dhen Chèitean 2020. 
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: