Fiona NicCoinnich (seinneadair)

O Uicipeid
Fiona NicCoinnich (seinneadair)
Beatha
Breith Leòdhas
Dùthaich  Alba
Foghlam
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd seinneadair is sgrìobhaiche
Ballrachd Cruinn
Seelyhoo
Taigh-clàraidh Linn Records (en) Translate

'S e seinneadair à Leòdhas, Alba a th' ann am Fiona NicCoinnich (Beurla: Fiona Mackenzie)

Bidh i a' seinn leis a' chòmhlan Cruinn agus leis an duine aice Brian Ó hEadhra.

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh agus thogadh Fiona NicCoinnich ann an Griais, Leòdhas, Alba.[1]

Tha dà phiuthar aice, Eilidh NicCoinnich agus Gillian NicCoinnich, a bhios a' seinn sa Ghàidhlig cuideachd. Rinn iad còmhlan leis an ainm Mackenzie.[1]

Tha an t-òran 'Mar an Fhiadh', an t-òran mu dheireadh air a' chlàr Tìr, mu a màthair.[2]

Ceòl[deasaich | deasaich an tùs]

Ghabh i anns a' chòmhlan Seelyhoo, stèidhichte an Dùn Èideann agus rinn i dà chlàr còmhla riutha.[1] An uair sin, bha i na ball sa chòmhlan Anam agus, aig an aon àm, a' seinn le a peathraichean mar Mackenzie.

Ann an 2009, rinn i cuirm-ciùil le dà 'Fiona NicCoinnich' eile à Leòdhas aig Eden Court ann an Inbhir Nis. Bha còmhla rithe Fiona "Bosie" NicCoinnich agus Fiona "Alba" NicCoinnich (an craoladair air BBC Alba). Chleachd i fhèin an far-ainm Fiona "Griais" NicCoinnich. B' e tiotal na cuirme 'Would the Real Fiona MacKenzie Please Stand Up'. Sheinn iad leis na còmhlain aca fhèin agus an uair sin uile còmhla.[3]

Le Cruinn, fhuair i nomination airson Best Traditional Track aig an BBC Radio 2 Folk Awards an 2015 airson an òrain 'Manus Mo Rùin'.[2]

Ann an 2018, rinn NicCoinnich clàr le Ó hEadhra mar chàraid airson a' chiad turais. Rinn iad clàradh ann an Leòdhas is Glaschu.[2]

Thòisich i ri òrain a sgrìobhadh nuair a bha i na deugaire.[1] Sgrìobh i an t-òran 'Maria' on chlàr TÌR mu dhealbh de fògarrach Eadailteach an Alba san 19mh linn.[2]

Clàran[deasaich | deasaich an tùs]

  • 1997 - Camhanach (le Mackenzie, Macmeanmna)
  • 2002 - Fama Clamosa (le Mackenzie, Macmeanmna)
  • 2008 - Elevate (Linn Records)
  • 2018 - Notes From A Hebridean Island (le William Jackson and Mackenzie, Linn Records)
  • 2018 - TÌR - Highland Life & Lore (le Brian Ó hEadhra | Fiona Mackenzie)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 1.2 1.3 Biography:Fiona Mackenzie(Beurla). Linn Records. Air a thasglannadh [o https://www.linnrecords.com/artist-fiona-mackenzie] 6mh dhen Dùbhlachd 2018. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2018.
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 McFadyen, Neil (28mh dhen t-Samhain 2018): “BRIAN Ó HEADHRA & FIONA MACKENZIE – TÌR: HIGHLAND LIFE & LORE(Beurla). folkradio.co.uk. Air a thasglannadh [o https://www.folkradio.co.uk/2018/11/tir-highland-life-lore/] 6mh dhen Dùbhlachd 2018. Air a thogail 6mh dhen Dùbhlachd 2018.
  3. Singers with same name to perform”. Ann an: BBC News, BBC, 21mh dhen Mhàrt 2009. Air a thasglannadh [o http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/highlands_and_islands/7955542.stm] 28mh dhen Mhàrt 2009. 

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]