Fergus Mòr Mac Earca
| Fergus Mòr Mac Earca | |||
|---|---|---|---|
500 - 503 ← founding (en) | |||
| Beatha | |||
| Breith | linn V | ||
| Dùthaich | Dail Riata | ||
| Bàs | 501 | ||
| Teaghlach | |||
| Athair | Erc of Dalriada | ||
| Clann |
liosta
| ||
| Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
| Dreuchd | |||
| Dreuchd | monarc | ||
B' e Fergus Mòr Mac Earca no Fergus Mór mac Eirc[1] ( ? - c.501[1]) a' chiad rìgh Dail Riata an Alba.
Bidh feadhainn a' toirt an tiotal "Athair na h-Alba" dha agus gu mearachdach a' bruidhinn mu dheidhinn mar a' chiad Rìgh aig Alba an àite Cináed mac Ailpín (Coinneach mac Ailpin).
Anns an darna leth dhen 5mh linn, b' e Rìgh Dal Riata an Èirinn a bh' ann.[1] Ghluais e a dh' Alba c.500 agus stèidhich e Dail Riata an Alba.[1]
Tha tòrr connspaid ann mu rìoghachadh oir chan eil mòran fhios air fhàgail againn bhon linn anns an robh e beò. Ann an sgrìobhaidhean nan Ceithir Mhaistir, thathar ag ràdh gur e mac Muredach mac Eogan mac Niall Noigíallach, Àrd Rìgh na h-Èirinn, a bh' ann. Ach, tha an t-ainm aige a' seaghaicheadh gur e mac Erc, Rìgh Dál Riata a bh' ann ach b 'urrainn gur e Erc an aon duine ri Muredach. Bha a bhràthair, Muircheartach, a bha na Àrd Rìgh na h-Èirinn eadar 504 is 527.
Bha e aig ceann ionnsaigh gu Alba a thoirt taic don sheanair aige, Aonghas Muircheartach Loarn - rìgh Dail Riata - a bha fo smachd nan Cruithneach. Rinn Fearghas agus a còignear bhràithrean a chùis air na Cruithnich agus mar sin bhuannaich iad saorsachd Dhail Riata. Bhàsaich an rìgh goirid an dèidh sin agus chaidh Fearghas a thaghadh mar an rìgh ùr. Tha fionnsgeul ann gur e Fearghas a thug an Lia-Fàil gu Alba bho Èirinn .
Chaochail e c.501 agus b' e a mhac, Domangart, rìgh Dail Riata as a dhèidh.[1]