Fearghas Ewing
'S e neach-poileataigs Albannach a tha ann am Fearghas Ewing, BPA (Beurla: Fergus Ewing).[1]
Tha e na BhPA airson Inbhir Nis agus Inbhir Narann; bha e cuideachd ball an Riaghaltais mar Mhinistear airson Cumhachd, Iomairt agus Turasachd agus chaidh e na Rùnaire Stàite airson an Eaconomaidh Dhùthchail agus Comais-cheangail an dèidh don taghadh Albannach 2016.[2] Tha e na bhall de Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Dh'fhàg e an riaghaltas an dèidh to thaghadh ann an 2021.[3]
Bhot e an aghaidh an Riaghaltais ann am moladh cion-earbsa ann an Lorna Slater, ministear Uaineach anns an Ògmhios 2023.[4] Air sgàth seo, chur buill Pàrlamaid na h-Alba e à buidheann phàrlamaideach an SNP airson seachdain.[5]
Bha e pòsta aig Mairead Ewing, BPA, a chaochail le aillse ann an 2006 agus 's e cuideachd mac Winnie Ewing a th' ann. Tha a phiuthar, Annabelle Ewing, na BPA airson Cowdenbeath agus bha i cuideachd na ministear.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Riaghaltas na h-Alba
- ↑ Pàrlamaid na h-Alba
- ↑ Musgrove, Gavin: “Fergus Ewing says it has been privilege to serve in departure letter to First Minister”, Strathspey & Badenoch Herald. 19mh dhen Chèitean 2021. Air a thogail 27mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 21mh dhen Ògmhios 2023. Air a thogail 27mh dhen t-Sultain 2023.
- ↑ “Veteran MSP Fergus Ewing suspended from SNP over rebellions”. 27mh dhen t-Sultain 2023. Air a thogail 27mh dhen t-Sultain 2023.