Fearghas Ewing
(Air ath-sheòladh o Fergus Ewing)
'S e neach-poileataigs Albannach a tha ann am Fearghus Ewing, BPA (Beurla: Fergus Ewing).[1]
Tha e na BhPA airson Inbhir Nis agus Inbhir Narann; bha e cuideachd ball an Riaghaltais mar Mhinistear airson Cumhachd, Iomairt agus Turasachd agus chaidh e na Rùnaire Stàite airson an Eaconomaidh Dhùthchail agus Comais-cheangail an dèidh don taghadh Albannach 2016.[2] Tha e na bhall de Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.
Bha e pòsta aig Mairead Ewing, BPA, a chaochail le aillse ann an 2006 agus 's e cuideachd mac Winnie Ewing a th' ann. Tha a phiuthar, Annabelle Ewing, na BPA airson Cowdenbeath agus tha i cuideachd na ministear.