Feamainn ghropach
Coltas
'S i feamainn ghropach, no gropach, an ath thè as fhaide shìos a' chladaich an dèidh na feamnach cìreineach. Tha i goirid, soilleir-dhonn agus chan eil mòran brìgh innte, mar sin cha robhas ga buain ann an Leòdhas.[1]
A dh' aindeoin sin, thugadh iomradh le Maolchaluim MacDhòmhnaill ann am faclair Dwelly gur ann a bhathas ga cothlamadh le slaodach (fucus serratus) a bhiadhadh a' chruidh.[2]