Jump to content

Farsaingeachd

O Uicipeid

'S ann ann am farsaingeachd a tha meud geoimeatrach an uachdair, no a' chumaidh a chaidh a dhealbhadh air. Tha bun-bheachd na farsaingeachd imfhiosach, agus tha an fharsaingeachd furasta a h-annaladh, mas e cumadh sìmplidh (m.e. ceàrnag no cearcall) air plàna a th' ann. Mur h-e, is coltach gum bi feum air modhan-obrach geoimeatrais dhiofarachaidh adhartaich airson farsaingeachd uachdair annaladh.


Farsaingeachd chumaidhean sìmplidh

[deasaich | deasaich an tùs]

Farsaingeachd ceart-cheàrnaich

[deasaich | deasaich an tùs]

Tha ceart-cheàrnach dèante de dhà phaidhir loidhnichean dìreach co-shìnte le ceart-cheàrnan eatarra. Nam b' e faid nan loidhnichean a agus b, bhiodh an fharsaingeachd F na toradh:



Farsaingeachd ceàrnaig

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e seòrsa sònraichte de cheart-cheàrnach a th' ann an ceàrnaig far a bheil an aon fhaid aig gach taobh. 'S e an fharsaingeachd aice:


Farsaingeachd triantain

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e am foirmle airson farsaingeachd triantain annaladh:

...far a bheil b na faid aon thaobh an triantain (bonn an triantain), agus a na h-àirde triantain air a tomhas gu h-ingearach ris a' bhuinn.

Tha e furasta sealltainn co às a thàinig am foirmle seo. Nam biodh b air a roinn an dà phàirt b1 agus b2, b' e farsaingeachd an triantain suim farsaingeachd an dà leth-cheart-cheàrnaich BCD agus CDF:




Farsaingeachd poileagain

[deasaich | deasaich an tùs]

Feumar poileagan a roinn mar àireamh de cheart-cheàrnaich agus triantain. 'S e suim farsaingeachd nan earrainn sìmplidh seo a th' ann am farsaingeachd a' phoileagain.



Parailealogram

[deasaich | deasaich an tùs]

Faodar parailealogram a roinn an trì earrainn - ceart-cheàrnach agus dà thriantan - ach tha e nas fhasa an fharsaingeachd aige annaladh ma thèid na h-earrainn seo an ath-eagrachadh airson ceart-cheàrnaich a dhealbhadh.


Tha an fharsaingeachd aige:


...far a bheil b na bonn a' pharailealograim agus a na h-àirde aige air a tomhas gu h-ingearach ris a' bhonn.


Faodar trapesium a roinn mar cheart-cheàrnach agus dà thriantan cuideachd. Ma tha bonn an trapesium b, agus sin a roinn na trì pàirtean c, d agus e, 's e farsaingeachd an trapesium:



...far a bheil b na bonn, d na druim, agus a na h-àirde air a tomhas gu h-ingearach ri b (no d).



Aonadan farsaingeachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Chionns gur h-e toradh dà fhaide a th' anns an fharsaingeachd, 's e aonad faid ceàrnagaich a th' aice. 'S e am meatair (m) aonad na faide a-rèir an t-siostaim eadar-nàiseanta (an siostam SI) agus am meatair ceàrnagach (m2) aonad na farsaingeachd.

Aonadan iomadail cumanta

[deasaich | deasaich an tùs]
cilemeatair ceàrnagach (km2) = 106 m2.
heactair (ha) = 104 m2.
aire (a) = 102 m2.

Aonadan fo-iomadail cumanta

[deasaich | deasaich an tùs]
ciadameatair ceàrnagach (cm2) = 10-4 m2.
milemeatair ceàrnagach (mm2) = 10-6 m2.

Aonadan Ìmpireil

[deasaich | deasaich an tùs]
slat ceàrnagach ≅ 0.84 m2.
acair ≅ 0.4 ha.
mile ceàrnagach ≅ 2.6 km2.