Fang

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Anns na coimhearsnachdan croitearachd, tha àite sònraichte aig fang no buaile. Is e seo an t-àite anns an cumar beathaichean, gu h-àraid crodh, no far an tèid na caoraich an clupadh airson an cloimhe a thrusadh. Aig an aon àm, rachadh am bogadh an seo gus cur às do bhiastagan bheaga mus deach an cleachdadh seo a thoirmisgeadh aig toiseach nan 90an.

Is a fang na h-àite airson tighinn còmhla is cabadaicheadh mu dheidhinn cùisean an latha, mar sin tha àite cudromach aice ann an cridhe na coimhearsnachd.

Sgrìobh a' bhana-bhàrd, Anna Frater, dàn a' moladh na fainge.