Fàrothais
| Fàrothais | ||
|---|---|---|
| Far a bheil i 'ga bruidhinn | ||
| Luchd-labhairt iomlan |
66,000 | |
| Teaghlach-chànan | ||
| Inbhe Oifigeil | ||
| Far a bheil i 'na chànan oifigeil | Na h-Eileanan Fàro | |
| 'Ga riaghladh le | Føroyska málnevndin | |
| Còdan Cànan | ||
| ISO 639-1 | fo | |
| ISO 639-2 | fao | |
| ISO 639-3 | fao | |
'S e an cànan a tha ga bhruidhinn anns na h-Eileanan Fàro a th' ann am Fàrothais.
'S e cànan Gearmanach Tuath a th' innte. Tha i na cànan màthaireil aig suas ri 66,000 duine; 45,000 dhiubh a bhios a' fuireach anns na h-Eileanan Fàro agus 21,000 ann an àitichean eile, anns an Danmhairg airson a' mhòr-chuid. 'S e Innis-Tìlis an cànan as fhaisge air Fàrothais, ach chan urrainn do luchd-labhairt nan cànan ud am fear eile a thuigsinn. Tha sgrìobhadh na Fàrothaise nas coltaiche ri Innis-Tìlis, oir 's ann air an fhreumhachadh a chaidh a shuidheachadh agus chan ann air fuaimean chànan an làtha an-diugh.
Tha a' mòr-chuid de dhaoine sna h-Eileanan Fàro a' bruidhinn Fàrothais, agus tha i na cànan rianachail ann an neart dhe chùisean nan Eileanan. 'S e Danmhairgis an cànan eile a tha ga chleachdadh, gu h-àraid ann an conaltradh ris an Danmhairg.
Buaidh Ghaidhealach air Fàrothais
[deasaich | deasaich an tùs]Nuair a chaidh na Lochlannaich do na h-Eileanan Fàro, thug iad tràillean Gàidhealach boireannach còmhla riutha gus mnathan a bhith aca; ri linn sin bha buaidh Ghàidhealach nochdte air Fàrothais. Seo liosta faclan Fàrothais a thàinig bho na cànanan Gàidhealach.
| Fàrothais | Gàidhlig |
|---|---|
| blak/blaðak | blàthach |
| drunnur | dronn |
| dunna | tunnag |
| grúkur | gruaig |
| lámur | làmh |
| sornur | sorn |
| tarvur | tarbh |
| ærgi | àirigh |
| Mykines | Muc-innis |