Elizabeth Balneaves

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search
Elizabeth Balneaves
Beatha
Breith 24 dhen t-Sultain 1911
Bàs 7 dhen t-Samhain 2006
Dreuchd
Dreuchd peantair

B' e filmeadair, neach-ealain agus ùghdar à Obar Dheathain a bha ann an Elizabeth Balneaves.

Rugadh i ann an 1911 is bha i na h-oileanach aig Colaiste Ealain Obar Dheathain. Shiubhal i ann am Pagastan anns na 1950an is sgrìobh i trì leabhraichean mu dheidhinn, agus an sin dh'obair i mar oifigear follaisidh airson Sutha Dhùn Èideann. Rinn i filmichean aithriseach mu dham ùr agus tuiltean ann an Rhodesia a Deas (nise Siombabue) As dèidh sinn dh'imrich i agus a fear gu Sealtainn far an do dh'fhuirich iad ann am Bigton is sgrìobh i nobhail. Chaochail i ann an Eilginn ann an 2006.[1]

Leabhraichean[deasaich | deasaich an tùs]

  • The Waterless Moon (1955)
  • Peacocks and Pipelines (1957)
  • Elephant Valley (1962)
  • The Mountains of the Murgha Zerin (1972)
  • Murder in the Zoo (1974)
  • The Windswept Isles (1977)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Elizabeth Balneaves”, The Herald. 11mh dhen t-Samhain 2006. Air a thogail 1d dhen Mhàrt 2020.