El Hierro

O Uicipeid
El Hierro

'S e eilean Spàinnteach agus an t-eilean as lugha de na h-Eileanan Canàrach a tha ann an El Hierro, far-ainm Isla del Meridiano. Tha e suidhichte anns a’ Chuan Siar.

Tha El Hierro cho farsaing ri 278 cilemeatair ceàrnagach. Anns a’ bhliadhna 2007 bha 10.558 de shluagh ann. Tha Valverde na phrìomh-bhaile.

Tha El Hierro na phàirt den chèarn Santa Cruz de Tenerife. Tha trì sgìrean aige:

  • Frontera
  • Valverde
  • El Pinar

Tha roinn na turasach gu math làidir anns an eilean. Tha port-adhair beag ann, le El Hierro Airport mar ainm. Tha aiseag a’ ruith eadar El Hierro agus Tenerife.

Bha Umberto Eco a' cleachdadh an eilein seo anns an nobhail aige "The Island of the Day Before" ("L'isola del giorno prima", 1994).

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: