Einojuhani Rautavaara
B' e co-ghleusaiche à Suòmaidh a bha ann an Einojuhani Rautavaara (9 an Dàmhair 1928–27 an t-Iuchar 2016). Rugadh is thogadh e ann an Helsinki is dh'ionnsaich e ceòl aig an Acadamh Sibelius an siud agus anns na Stàitean Aonaichte fo Aaron Copland, Vincent Persichetti is Roger Sessions an dèidh dha co-fharpais Thor Johnson a bhuannachadh airson a phìos A Requiem for our Time (1953). Sgrìobh e ceòl 12-puingeach, mar Arnold Schoenberg, nuair a thill e do Shuòmaidh is sgrìobh e a chiad opara, Kaivos (A' Mhèinn) eadar 1957 is 1960.[1] Bha e cuideachd na neach-teagaisg is theagaisg e co-ghleusaichean mar Paavo Heininen is Kalevi Aho. Dh'fhoillsich e a phìos a b' ainmeile, Cantus Arcticus ann an 1972. Tha am pìos seo a' cleachdadh clàraidhean nan eòin an àite Neach-ciùil aonair. Sgrìobh e oparan eile, mar eisimpleir Aleksis Kivi (1997), mun ùghdar Suòmach, is Rasputin (2013). Chaochail e ann an 2016.[2]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Fanning, David: “Rautavaara Kaivos, 'The Mine'”. The Gramophone. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ Rickards, Guy: “Einojuhani Rautavaara obituary”. 28mh dhen Iuchar 2016. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2018.