Eaglais nam Manach Liath
Coltas
'S e eaglais pharaiste Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann a th' ann an Eaglais nam Manach Liath. Chaidh a stèidheachadh air làrach manachainn nam manach Frainseasach (manach liath) - às a seo a h-ainm.
Tha Eaglais nam Manach Liath co-cheangailte ri eachdraidh nan Cùmhnantach. Chaidh an Cùmhnant Nàiseanta sgrìobhadh ann an cladh na h-Eaglaise ann an 1638. Ann an 1679, chaidh faisg air 1,200 Cùmhnantaich prìosanachadh anns a' chladh is iad a' feitheamh airson cùirt.
Tha seirbheisean Gàidhlig gan cumail anns an Eaglais gach seachdain
An cladh
[deasaich | deasaich an tùs]Na daoine ainmeil a chaidh tìodhlacadh anns a' chladh:
- Allan Ramsay, bàrd
- Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir, bàrd Gàidhlig
- James Black, ceimigear
- Seòras Bochanan, sgoilear agus sgrìobhadair