Jump to content

Drochaid

O Uicipeid
Drochaid na Foirthe, fhosgailte an 1890, a bhreitheas an rathad-iarainn eadar Dùn Èideann agus Fìobha

Is e a tha ann an drochaid, structar a bheir rathad, frith-rathad, rathad-iarainn neo slighe eile thar beàrn. Mar is tric bithidh am beàrn seo eadar dà bhruaich aibhne, ach tha iad a' dol thairis na locha, gleanntan, rathaidean eile ⁊c.

Is iad na trì prìomh cruthan drochaide:

  1. Drochaid saile
  2. Drochaid bhogha
  3. Drochaid nam ball ( no drochaid croichte)

Drochaid saile

[deasaich | deasaich an tùs]
Fo-dhrochaid Rathaid le Sailean Cruadhtain A9 aig Dail Chluanaidh

Tha an dealbh air an taobh deas a' sealltainn drochaid don chruth shailteachd fon rathad mòr A9 faisg air Dail Chuanaidh. Freagairidh drochaidean sailteach gu math ri làraich far a b' fheudar do bheàrn na drochaid a bhi meadhanach mòr an co-mheas leis an aird eadar an slighe thar na drochaid agus an amar fodha. Chithear gu bheil suil na drochaid ceàrnag, agus mar sin gu bheil làn aird na drochaid ri fhaotainn air feadh a' bheàirn eadar an dà laimrig.

Nuair a thèid eallach air drochaid sailtheachd, thèid cromadh air na sailibh. Nuair a bhitheas seo a' tachairt thèid forsaichean dlùthaidh air snàithlean uachdar nan sàil ach thèid forsaichean sìnidh air na snàithlean ìochdarach. Mar sin, is fheudar do stuth nan sàil a bhi comasach a dhiùlt an dà seòrsa fhorsa: tarrainn agus brùthadh.

Freagairidh stàilinn ri sailibh, oir tha e làidir fo shìneadh agus fo dlùthadh. Cha freagair clachaireachd neo, cruadhtan-bàn (coincreit-bàn). Tha sailean cruadhtain aig an drochaid anns an dealbh. Is cruadhtan ath-neartaichte a tha annta, a ciallachadh gu bheil slatan stàilinn anns a' chruadhtain a thoirt làidiread an aghaidh sìneadh ris. Chanar stuth co-mheasgaichte ri cruadhtan ath-neartaichte agus stuthan innlichidh eile cruthaichte a dà shusbaint eadar-dhealaichte.

Drochaidean boghta

[deasaich | deasaich an tùs]
Drochaid bogha

Tha an dealbh air an taobh clì a' sealltainn drochaid bogha, a ghiùlaineas an rathad mòr A87 thar Alt a' Ghlarsair air an Eilean Sgitheanach. Is cruth làidir de drochaid a tha ann am bogha, oir bithidh eallach air mun na drochaid, a putadh mun chuairt "fainne a' bhogha" agus mar sin a' dlùthadh na clachan fath leth ri chèile. Tha clachaireachd làidir an aghaidh dlùthadh, ach chan eil i ach lag mu choinneamh sìneadh. Mar sin cha freagair clachaireachd ri cruth drochaid saileachd.

Is e an duilgheadas le drochaidean bogha gu bheil feum aig cruth na drochaid air aird, agus bithidh an aird a tha dith a rèir am beàrn eadar an dà laimrig.

Drochaidean croichte

[deasaich | deasaich an tùs]

Is e cruth drochaid a tha stèidhichte air slabhraidh neo ball sìnte eadar an dà cheann drochaide a tha ann an drochaid croichte. Anns an nòs innlichte de drochaid croichte, tha dà phrìomh slabhraidh (drochaidean togta rè 1800-1850) neo dà phrìomh bhall (drochaidean dealbhta as dèidh 1870) air an crochadh eadar dà thùr, fear suidhichte aig gach ceann na drochaide. Tha uachdar na drochaid a ruithe air mun cliathach aotrom a tha croichte (le slatan/ròpan crochaidh) bhon dà phrìomh bhall. Freagraidh drochaidean den seòrsa seo ri ceuman eadar 30m agus 2000m, ged nach robh na slabhraidhean iarainn-obraichte a chaidh air cleachdadh anns na drochaidean croichte bu tràithe freagarrach ri fad torr nas motha na 150m.

Chaidh leasachadh air cruth nan drochaidean croichte aig toiseach an 19mh linn bho drochaidean croichte tùsanaich a chaidh air cleachdadh an Aimearaga a Deas agus 's an Himalaya fad linntean mus an tàinig daoine Eòrpaich do na tìrean siud. Anns a' chruth thùsanaich, cleachdar trì ballan, co-shìnte, ball fa-leth air a bhitheas na luchd cleachdaidh a' coisich, agus da ròpa-laimhe, mu meatair nas arda na agus mu 300mm ri gach taobh dhen bhall-coise. Ceanglar ròpan goirid ris an chanar stuthan, eadar am ball-coise agus an dà ropa-làimhe, gach meatair neo dha air fad na drochaide. Tha seo a cruthachadh sructar tensiachd (sìnte), a tha saor agus aotrom.

Drochaidean eile

[deasaich | deasaich an tùs]