Drochaid-rèile na Tatha
Tha Drochaid Tatha a' ceangal na prìomh-loidhne rèile thairis air Linne Tatha ann an Alba, eadar Dùn Dè agus Wormit ann am Fìobha. Tha i 2.75 mìltean (3.5 cileameatair) a dh'fhaid.
Is e an drochaid a tha ann an-diugh an dàrna tè air an làrach seo, bho thuit a' chiad tè às a chèile ann an doineann air 28 Dùbhlachd 1879 nuair a bha trèan a' gabhail tarsaing oirre. Sgrìobh Theodor Fontane an duan ainmeil aige "Die Brück’ am Tay" (Beurla: The Bridge of Tay) mun tubaist seo ann an 1880.
Chaidh duanag eile a sgrìobhadh mu dheidhinn an droch sgiorraidh seo le Uilleam Mac Congáil, breabadair à Dùn Dèagh, air an robh The Tay Bridge Disaster am Beurla. Tha esan ainmeil am measg Ghàidheil agus Albannaich airson cho dona 's a bha a chuid bàrdachd (nach deach fhoillseachadh a-riamh), agus tha an tiotal Bàrd Beurla as miosa air an t-saoghal gu tric ga bhuileachadh air.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ McGonagall, William (1992): World's Worst Poet: Selections from "Poetic Gems". Templegate Publishers.
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Teacsa "The Tay Bridge Disaster" (Beurla)