Jump to content

Douglas Murray (sgrìobhadair)

O Uicipeid
Murray (2018)

'S e naidheachdair agus ùghdar poileataigeach à Leòdhas, Alba a tha ann an Douglas Murray (b.1979). Tha e ag obair mar Stiùiriche an Centre for Social Cohesion, buidheann-bheachdachaidh a chaidh a stèidheachadh le Civitas.

Fhuair e fhoghlam aig St. Benedict's, Ealing agus Eton College, mus do chùm e air gu Magdalen College, Oilthigh Oxford airson ceum a dhèanamh ann am Beurla. Greiseag ghoirid an dèidh dha ceumnachadh ghabh e àite mar an ùghdar a b' oige a-riamh a dh'fhoillsich leabhar mu eachdraidh-beatha duine nuair a sgrìobh e mu beatha am Morair Alfried Douglas.

Tha e air aithisgean a sgrìobhadh airson a' Guardian agus an Sunday Times. Chaidh an leabhar connspaideach aige, "Neoconservatism: Why We Need It", a mholadh gu mòr agus dh'ainmich Andrew Roberts e mar "the right's answer to Michael Moore".[1]

Feumaidh e dìonadairean bho phoilis an Òlaind nuair a tha e anns an dùthaich ud an dèidh dha beachdachadh air Ioslam anns an dùthaich ud[2][3].

Bidh e cuideachd a' bruidhinn air prògraman air telebhisean Breatannach bho àm gu àm mar Question Time agus The Daily Politics.

Clàr-leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. https://web.archive.org/web/20080520103139/http://www.ypfp.org/node/1450
  2. http://newcriterion.com/archives/24/01/targeted-jihad/
  3. http://news.bbc.co.uk/1/hi/programmes/question_time/6273762.stm

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]