Jump to content

Dingwall & Skye Railway Coy.

O Uicipeid

Stèidhicheadh an Dingwall and Skye Railway Company an 1861(?), B' e rùn na luchd-steidheachaidh a chruthaich rathad-iarainn bho Baile Chàil gu uisgeachan so-sheòlta Loch Charainn mu choinneamh an Eilean Sgitheanach. B' e amas a' chompanaidh, a fhuair taic bho MacLeòid Dhùin Bheagain, a dhèanamh conaltradh nas fhasa eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Inbhir Nis a bha na bhaile an t-siorramachd.

B' e Iòsaph Mitchell innleadair a' chompanaidh agus rinn e suirbhidh air sgrìob le Rathad Chondain gu Garbh agus mar sin seachad ceann Loch Lùchairt gu Achadh na Sine mus an do dh'èirigh e gu mullaich aig Luib, a roimhe claonadh aig 1 an 70 tro Ghleann Charainn a ruigsinn àird na mara aig Ach' an Tigh (far a bheil Stèisean Srath Charainn an diugh), bho Ach' an Tigh leann an sgrìob Cladach Deis Loch Charainn gu a cheann-uidhe. Cha d'fhuair am Achd Prìobhaideachd a bha dith air a' chompanaidh, mus a biodh cumhachdan reachdail aca rathad-iarainn a thogail agus a ruith tro pàrlamaid gun strì, agus cha b' ann roimhe 1863, a fhuair an companaidh an Achd Pàrlamaid a thug cead dhaibh rathad-iarainn a thogail eadar Baile Chàil agus Port an t-Sròin. Mus an d'fhuair iad an Achd, bha iad air aontachadh ri sgrìob eadar dhealaichte agus torr nas doirbh a mach a Baile Chàil. Sgrìob air am b' fheudar do trèanaichean a sreap 4 mìltean bho Gobhal Fhodartaidh do Beàrn Creag an Fhithich, an aghaidh claon de 1 an 50 agus air cuaireasgan de rèidius sìos ri 9 slabhraidhean.

Chaidh an rathad-iarainn fhosgladh ann an 1870, ged nach do ruith an D&S na trèanaichean a fhèin. B' e Rathad-iarainn na Gaidhealtachd a dh'obraich seirbhis nan trèanaichean fo cumhnant leis an D&S.

Bha dlùth cheangail eadar a' chompanaidh Dingwall and Skye agus The Highland Railway Company bho thùs. Chaidh an rathad-iarainn Baile Chàil agus An t-Eilean Sgitheanach a slugadh a-steach do Rathad-iarainn na Gaidhealtachd ann an 1885(?).

Chaidh ath-shìneadh air an loidhne, a bha a nis na mheur de Rathad-iarainn na Gaidhealtachd eadar 1894 & 1897, nuair a chaidh fhosgladh air an 10 mìle mu bheireadh eadar Port an t-Sròin agus Caol Loch Aillse, far an do chruthaich an rathad-iarainn port ùr nan stìomair. Bho fhosgladh an loidhne gu Caol Loch Aillse sgurr na stìomairean dheth subhail bho Port an t-Sròin agus chaidh an laimrig an sin a-mach a bhith.