Devil's Staircase
'S e bealach a th' anns an Devil's Staircase a tha a a' fàgail an rathaid mhòir A82 bho Allt na Feadh faisg air Gleann Comhann agus a' leantainn gu Ceann Loch Lìobhann. An-diugh 's e pàirt den Slighe na Gàidhealtachd an Iar a th' ann. Ann an 1692 chleachd saighdearan an riaghaltais e gus tighinn bho Cheann Loch Lìobhann gus cuideachadh ann am Mort Gleann Comhann.
Bho thùs chaidh an rathad saighdearach a thogail fo stiùir General Wade agus às a dhèidh Major William Caulfield mu 1750. B' e pàirt se shiostam rathaidean saighdearach a bh' ann gus siubhail eadar Dùintean Hanobharian[1] agus na h-àiteachan saighdearach a bu chudromaiche. Thòisich iad an obair mar fhreagairt ri Strì nan Seumasach anns an 18mh linn.[2]. 'S e obair chruaidh a bh' ann le bhith a' giùlain stuthan togail suas bhon rathad gus an rathad saighdearach a thogail, agus b' iadsan a chuir an t-ainm air a' phìos seo. Chaidh an t-ainm ath-bheothachadh nuair a chaidh casg-uisge an Uisge Dhuibh a thogail, agus an luchd-obrach a' coiseachd thairis air an Devil's Staircase dhan taigh-sheinnse. Cha do rinn a h-uile gin dhiubh an rathad air ais air casan cugallach, agus chanadh gun d' fhuair an Diabhal cuid dhiubh[3].
Às dèidh dha an rathad fhàgail agus dìreadh thèid an rathad tron bhealach eadar Stob Mhic Mhàrtainn agus a' Bheinn Bheag, dìreach ri taobh an Aonaich Eagaich. Tha an t-slighe a' cromadh às dèidh sin le sealladh air a' Black Water Reservoir.
Tùsan
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NN 215 571 (56° 40′ 16.07″ Tuath, 4° 54′ 37.5″ Iar)