Jump to content

Derek Bickerton

O Uicipeid
Derek Bickerton
Beatha
Breith Cheshire (en) Translate, 25 dhen Mhàrt 1926
Dùthaich  Na Stàitean Aonaichte
Bàs 5 dhen Mhàrt 2018
Foghlam
Foghlam Oilthigh Chambridge Dotair Feallsanachd
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd creolist (en) Translate, neach-teagaisg oilthigh, sgrìobhadair agus cànanaiche
Fastaichean University of Guyana (en) Translate
University of Hawaiʻi System (en) Translate
Oilthigh Leeds
IMDb nm1545966

Rugadh Derek Bickerton air 25 am Màrt 1926 agus 's e cànanaiche agus bha e na ollamh aig Oilthigh Hawaii. Tha e den bheachd gum faighear toraidhean luachmhor air tùsan cànain ma choimheadar air cànanan creole. Le sin coimheadaidh e air cànan aig daoine fa-leth agus cànan mar chomharradh mhic an duine. Rinn e rannsachadh air cànanan creòle ann an Guyana agus Hawaii. Is esan a chruthaich am prìomh-phàirt den bhun-bheachd bioprogram cànain. Their am bun-bheachd seo gu bheil cànanan creòle coltach ri a chèile air sgàth 's gun tèid an cruthachadh bho pidgin le clann aig a bheil an aon chomas gràmair coitcheann daonna (universal human innate grammar capacity) a tha san inntinn bho thùs.[1]

Fhuair e ceum aig Oilthigh Chambridge ann an 1949, agus thòisich e dreuchd mar òraidiche ann an litreachas Beurla aig Oilthigh Cape Coast ann an Gàna. Rinn e rannsachadh for-cheum ann an cànanachas aig Oilthigh Leeds, agus dh'fhàs e na òraidiche ann an cànanachas aig Oilthigh Ghuiana (1967–71). Bha e na Ollamh cànanachais fad 24 bliadhna aig Oilthigh Hawaii, às dèidh dha PhD fhaighinn bho Oilthigh Chambridge ann an 1976. Chaochail e 5 am Màrt 2018.[2]

Anns an leabhar aige Roots of Language (1981) smaoinichidh e air bun-bheachd a fhreagaireas trì ceistean:

  1. Ciamar a thòisich cànanan creòle?
  2. Ciamar a thogas clann cànan?
  3. Ciamar a thòisich comas cànain mar chomharra mhic an duine?

Anns an leabhar Language and Species (1990), canaidh e gum faodar freagairt a lorg ris na ceistean seo le bhith ag agairt gu bheil tùsan cànain a' laighe ann am mean-fhàs de shiostaman shanasan agus smaoineachadh samhlach còmhla ri leasachadh syntax foirmeil na b' fhadalaiche.

Leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Tropicana, A Novel. (1963)
  • Dynamics Of A Creole System (1975)
  • Bickerton, Derek (1981): Roots of Language. Karoma Publishers. ISBN 0-89720-044-6. 
  • Bickerton, Derek (1990): Language and Species. University of Chicago Press. ISBN 0-226-04610-9. 
  • Language and Human Behavior, 1995
  • Lingua ex Machina: Reconciling Darwin and Chomsky with the Human Brain, 2000 (còmhla ri William H. Calvin)
  • Bickerton, Derek (2008): Bastard Tongues. Hill and Wang. ISBN 0809028174. 
  • Bickerton, Derek (1984): “The language bioprogram hypothesis,” ann an: Behavioral and Brain Sciences, àir. 7, td. 173–221.
  1. Erard, Michael: “Walking the Talk”, The New York Times. 30mh dhen Mhàrt 2008. 
  2. Derek Bickerton”, Honolulu Star-Advertiser. 18mh dhen Mhàrt 2018. Air a thogail 25mh dhen Mhàrt 2018.