Deasbaireachd a' chleachdaiche:Tleilaxu10191

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Haidh, Tleilaxu10191, fàilte an seo.
Chunnaic mi gun do chruthaich thu aiste HD 80606 b. Is math a rinn thu. Ach feumaidh mi ràdh nach eil na teamplaidean bho Wikipedia ag obair an seo. Mar sin mholainn-sa gun cuir thu dìreach an dealbh ann agus fàgaidh sinn an teamplaid son àm ri teachd. A-rithist, fàilte an seo.--Sionnach (talk) 20:51, 25 dhen Chèitean 2014 (UTC)[reply]
Mòran taing. :) Carson nach urrainn dhuinn teamplaid ùr fhèin a sgrìobhadh?--Tleilaxu10191 (talk)

'S urrainn, gu dearbh. Ach cha bhiodh e ag obair mar a thòisich tu. A bheil fios agad ciamar a sgrìobhas tu teamplaidean? --Sionnach (talk) 21:17, 25 dhen Chèitean 2014 (UTC)[reply]
Rinn mi sin air an Uicipeid na Beurla, ach chan eil mi cinnteach de tha me a' dèanamh cearr an seo.--Tleilaxu10191 (talk)
Chan eil thu a' dèanamh dad ceàrr. Uill, feumaidh na teamplaidean airson nan bocsaichean-fiosrachaidh a bhith stèidhichte air gach Uici fa-leth. Gu ruige seo, chan eil an leithid againn. Ma choimheadas tu air m.e. air Teamplaid:Baile agus ma bhuaileas tu air deasaich, chì thu dè tha air beulaibh nan bocsaichean-fiosrachaidh. 'S urrainn dhomh fear a sgrìobhadh, ach chan ann ann an còig mionaidean. Agus chan eil fios agam mu na faclan ceart a thaobh reul-eòlas. --Sionnach (talk) 21:31, 25 dhen Chèitean 2014 (UTC)[reply]
"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil na faclan agam".. Bhiodh sin sgoinneil! Ach feumaidh coimhead nas dlùithe air na teamplaidean anns na Uicis eile, tha mi an dòchas nach eil iad ro dhoirbh. Tha mi caran trang an-dràsta, mar sin feumaidh sin feitheamh is dòcha gus deireadh na seachdainne. Anns an eadar-àm cruinnich na faclan a tha dhìth ort airson na bocsa agus dìreach cum ort le aistean gun bocsa-fiosrachaidh. Feumaidh mi falbh a-nis. Ach ma bhios ceist sam bith eile agad, dìreach leig fios.--Sionnach (talk) 21:59, 25 dhen Chèitean 2014 (UTC)[reply]
Chan eil mi math air teamplaidean ach ma tha briathrachas/eadar-theangachadh a dhìth no beachdan, innis dhomh! Akerbeltz (talk) 20:56, 26 dhen Chèitean 2014 (UTC)[reply]