Jump to content

Deasbaireachd a' chleachdaiche:Rhona 97

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Fàilte gu Uicipeid Rhona 97! Tha mi duilich nach do chuir mi fàilte ort roimhe ach tha mi 'n dòchas gun còrd e riut an leabhar-eòlais seo a thogail còmhla rinn. Tapadh leat airson an obair a rinn thu mar-thà. Ma tha ceistean sam bith agad, nach cuir thu fios thugamsa air an duilleag deasbaireachd agam, no air Doras na Coimhearsnachd far an faic an luchd-cleachdaidh eile teachdaireachdan. 'S dòcha gum bi e feumail dhut cuideachd am fiosrachadh ann an Cobhair agus Poileasaidhean a leughadh cuideachd.

An-dràsta, thathas a' beachdachadh air 'sandbox' a chur an gnìomh air an Uici. Chì thu an seo am fear a th' agam air Uici na Beurla.

Ma tha thu toilichte gun tèid 'sandbox' a chur an gnìomh, nach cuir thu d' ainm sìos air a' bhòt an seo.

Cuideachd, an dèan thu bhòt airson ainm Gàidhlig a chur air 'sandbox' as dèidh an deasbaid an seo.

Airson d' ainm a chur sìos, cuir rionnag (*) agus ceithir tilde (~~~~) a-steach agus chithear d' ainm agus stampa-tìde 'na àite an uairsin. Dùinidh am bhòtadh Dihaoine.

Mòran taing, Emain Macha (an deasbaireachd) 11:53, 19 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)[reply]