Deasbaireachd a' chleachdaiche:Maighreads
Fàilte
[deasaich an tùs]Maighreads a charaid, Fàilte à Uicipeid! Tha mi 'n dòchas gun còrd e riut an leabhar-eòlais seo a thogail còmhla rinn. Tapadh leat airson an obair a rinn thu mar-thà air seinneadairean agus am Mòd. Ma tha ceistean sam bith agad, nach cuir thu fios thugamsa air an duilleag deasbaireachd agam, no air Doras na Coimhearsnachd far an faic an luchd-cleachdaidh eile teachdaireachdan. 'S dòcha gum bi e feumail dhut cuideachd am fiosrachadh ann an Cobhair agus Poileasaidhean a leughadh. Gura math a thèid leat! Emain Macha (an deasbaireachd) 20:24, 11 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
- Mòran taing airson fàilte a chuir orm chun an Uicipeid agus tapadh leibh airson a bhith moladh nan duileagan Cobhair agus Poileasaidhean. Ni mi oidhirp air tuilleadh a chuir ris an leabhar eòlais seo anns an àm ri teachd. Le mòr mheas. --Maighreads (an deasbaireachd) 11:16, 16 dhen t-Samhain 2016 (UTC)
Sandbox
[deasaich an tùs]A charaid,
Thathas a' beachdachadh air 'sandbox' a chur an gnìomh air an Uici. Chì thu an seo am fear a th' agam air Uici na Beurla.
Ma tha thu toilichte gun tèid sandbox a chur an gnìomh, nach cuir thu d' ainm sìos air a' bhòt an seo.
Cuideachd, an dèan thu bhòt airson ainm Gàidhlig a chur air sandbox as dèidh an deasbaid an seo.
Airson d' ainm a chur sìos, cuir rionnag (*) agus ceithir tilde (Emain Macha (an deasbaireachd) 15:12, 18 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)) a-steach agus chithear d' ainm agus stampa-tìde 'na àite an uairsin. Dùinidh am bhòtadh Dihaoine.
Mòran taing, Emain Macha (an deasbaireachd) 15:22, 18 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)