Jump to content

Deasbaireachd a' chleachdaiche:Doric Loon

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Doric Loon a charaid, Fàilte air ais à Uicipeid! Tha mi 'n dòchas gun còrd e riut an leabhar-eòlais seo a thogail còmhla rinn. Tapadh leat airson an obair a rinn thu mar-thà. Ma tha ceistean sam bith agad, faodaidh tu fios a chur thugamsa air an duilleag deasbaireachd agam, no air Doras na Coimhearsnachd far an faic an luchd-cleachdaidh eile teachdaireachdan. 'S dòcha gum bi e feumail dhut cuideachd am fiosrachadh ann an Cobhair agus Poileasaidhean a leughadh. Gura math a thèid leat! Susan.nls (an deasbaireachd) 15:28, 30 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)[reply]

Fàilte bhuamsa cuideachd. Is math cuideigin eile fhaicinn as a' Ghearmailt an seo! Ma tha thu ag iarraidh cuideachadh, leig fios dhomh. --Sionnach (an deasbaireachd) 17:38, 30 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)[reply]
PS: Hast Du was dagegen, wenn ich Deine Benutzerseite bearbeite, dort sehe ich einige kleine Fehler.
Tapadh leat a Shusan, tapadh leat a Shionnach. Und ja, sehr gerne, nur so kann ich lernen. --Doric Loon (an deasbaireachd) 17:45, 30 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)[reply]
Dèanta. A bheil ùidh agad ann an cuspairean sònraichte?/Hast Du Interesse an bestimmten Themen...hier gibt es viel zu tun:-)--Sionnach (an deasbaireachd) 18:00, 30 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)[reply]
Sgoinneil, tapadh leat! Tha ùidh agam ann an mòran cuspairean. Thoisich mi an duilleag mu Walther von der Vogelweide an diugh. Tha mi an dochas nach eil e cho droch! --Doric Loon (an deasbaireachd) 18:22, 30 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)[reply]
Is math a rinn thu! Bha mi a' tuigsinn a h-uile rud. Cheartaich mi cuid de na mearachdan beaga ach chan eil mi cinnteach mu "Töne". An e Töne sònraichte a bh' annta? Bhiodh e math dealbh a chur ann cuideachd. A bheil fios agad ciamar a nì thu sin? --Sionnach (an deasbaireachd) 18:54, 30 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)[reply]
'S e, 's e ciallachadh sònraichte aig an fhacal "Ton" a th' ann. 'Sa Beurla: "melody" neo "form", ach a mhain airson na dàin leis na Minnisänger. M.e. der Reichston: https://de.wikipedia.org/wiki/Reichston.
Tha, tha fios agam ciamar a chuireas mi dealbh ann. Nì mi seo a dh'aithghearr. --Doric Loon (an deasbaireachd) 08:45, 31 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)[reply]
Glè mhath. A thaobh "Ton": mholainnsa am facal (no Reichston ?) a' chumail anns an aiste le mìneachadh simplidh dè th' ann, dè tha cho sònraichte mun "stoidhle" seo. Leugh mi an aiste Gearmailteach, fìor inntinneach, cha robh fios agam mu dheidhinn:-) --Sionnach (an deasbaireachd) 13:54, 31 dhen Fhaoilleach 2017 (UTC)[reply]