Deasbaireachd:Tsunami

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

A Chatrìona, tapadh leat airson sùil a chumail air duilleagan ùra. Tha rudan ri dheasbad ged-tà a thaobh na ceartachaidhean a rinn thu agus cuiridh mi ann an liosta iad gus am bi e soilleir.

  1. crith-thalmhainn/talmhainn: Aig Am Faclair Beag, Dwelly, LearnGaelic.net agus Facal G, 's e 'crith-thalmhainn' agus 'crithean-talmhainn' a th' ann. Le bhith ag atharrachadh gu crith-talamhainn, dh'atharraich thu e bho ceangal ceart gu duilleag Uici gu ceangal dearg. 'S dòcha gu bheil faclair eile agad le 'crith-talmhainn' - gu mì-fhortanach tha caochlaideachd mar seo sa Ghàidhlig daonnan toinnte ri rèiteachadh.
  2. Cha chanainn gur e mearachd a th' ann a bhith ag ràdh ' tòisichidh tsunami gu h-obann '; seach tsunamian. 'S e stoidhle a th' ann a bhith a-mach air aon eisimpleir seach iolra a chleachdadh, le sin ri ràdh tòisichidh tsunami (*air choireigin* no *sam bith*) gu h-obann.
  3. Cha bhithinn air 'uisge' atharrachadh gu 'sàl': tha 'uisge' ceart gu leòr mar generic cuideachd. Faic an seo far a bheil eisimpleirean le 'uisge na mara'.
  4. Tha an 'inversion' ceàrr, is math seo a chur ceart.

Mhol mi do dh'ÀrdRuadh21 an raon-cluiche a chleachdadh fhad 's a tha iad ag obair air duilleag thairis air grunn làithean. Ged nach fhaodar sgrìobhadh air raon-cluiche aig cuideigin eile, bheir e cothrom deasbad air puingean mean air mhean. --Susan.nls (an deasbaireachd) 12:43, 18 dhen Ghiblean 2017 (UTC)[reply]