Deasbaireachd:Sluagh-phoblachd na Sìne

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Tha dà aiste ann airson aon cuspair, faic cuideachd: Siona. Na mo bheachda-sa bhiodh e nas fheàrr an cur ri cheile fo thiotal: Sìona --Sionnach 19:39, 20 an Giblean 2008 (UTC)

Both Taiwan and PRC claim to be "China"... --Creachadair 12:52, 21 an Giblean 2008 (UTC)

Sluagh-phoblachd Shìona an àite Sluagh-Phoblachd na Sìne.--Dougiebeck 20:28, 30 an t-Iuchar 2009 (UTC)

Leugh an aiste, mas e do thoil e. "Sluagh-Phoblachd na Sìne" a-rèir Faclair Akerbeltz no a bheil tùs eile agad? --Sionnach 07:04, 31 an t-Iuchar 2009 (UTC)
Leugh mi e agus cha cheid mi nach eil Mìcheal còir ceàrr an turas seo. 'S ann a tha esan a' leantainn na Gàidhlig Èireannaich. Ann an G na h-Alba 's e SÌONA an t-ainm a th' air an dùthaich, agus mar sin 's e X Shìona bu chòir a bhith ann. Chan eil trioblaid agam le Sluagh-phoblachd, ach bu chòir p lower-case a bhith ann.--Dougiebeck 11:40, 31 an t-Iuchar 2009 (UTC)
Tha mi duilich ach chan eil na sgilean teicnigeach agam (fhathast!) rudan mar seo atharrachadh air Wikipeia. Mar sin ma tha daoine toilichte le mo mholadh an atharraich cuideigin eile e?--Dougiebeck 11:40, 31 an t-Iuchar 2009 (UTC)
Chan e ceist Gàidhlig na h-Alba no Gàidhlig na h-Èireann a tha seo idir, ach an cleachd sinn an t-alt ann an ainmean nan dùthchannan no nach cleachd. Chan eilear a' cleachdadh an uilt ann an "Alba" "Èirinn" ach a-mhàin san tuiseal ghinideach. Sa chleachdadh chumanta an-diugh, 's e Sìona a th' air an dùthaich ach nach b' e an t-Sìn a bh' aig Gàidheil Alba(inn) oirre na b'fhaide air ais cuideachd? An-diugh a-rithist,an e Poblachd na Sìona, no Poblachd na Sìne? Air neo, an e Poblachd Shìona(idh)? Tha dougbeck ceart gu bheil "Sìona" nas bitheanta an-diugh (chan urrainnear ach coimhead air a' BhBC 'son seo), ach a thaobh riaghailtean traidiseanta na Gàidhlig agus claonadh ainmearan san tuiseal ghinideach, an e "na Sìne" a tha 'ceart'? 'S dòcha gur e. Tha riaghailtean na Gàidhlig a thaobh dhùthchannan troimh-chèile. Gheibhear "An Fhraing" "An Spàinn" "A' Ghearmailt" msaa, ach dùthchannan taobh a-muigh air an Roinn-Eòrpa, 's e brochan-ruais de riochdan eadar-dhealaichte a th' againn - leithid Braisil, ach "an Argantain" agus dìreach "Argentina"; India ri Na h-Innsean ri Na h-Innseachan....feumaidh sinn dìreach a bhith leigte ris gum bi riochdan eadar-dhealaichte gan cleachdadh gu sìorraidh!--Glan-adair2015 (an deasbaireachd) 12:53, 13 dhen Lùnastal 2017 (UTC)[reply]

Tha Sìona a' nochdadh as aonais an uilt (m.e. rìgh Shìona) ach Sìn leis an alt (m.e. An t-Sìn, Poblachd na Sìne). Chan eil fuasgladh againn aig an ìre-sa air ainmean nan dùthchannan, tha iomadh còcaire an sàs agus cha deach a-riamh beachdachadh air liosta ainmean nan dùthchannan cèin seo air dòigh nach robh cugallach is air a leth-chas. Tha mise car coma a thaobh dè am facal a thaghamaid latha fhad 's nach bris e riaghailtean letter to sound na Gàidhlig mar a tha faclan mar Haiti, Guiana no Seirbia no a tha gòrach o thoiseach gu deireadh mar Teagusigalpa no Beidhding ;) Akerbeltz (an deasbaireachd) 15:42, 13 dhen Lùnastal 2017 (UTC)[reply]