Deasbaireachd:Reifreann air Neo-eisimealachd na h-Alba 2014

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

Reifreann / Referendum[deasaich an tùs]

'S fhearr leamsa 'referendum' (gu foilleasach oir 's mi an rinn an duilleag mar sin ;) ). Tha mi a' smaointinn gu bheil e nas fhearr san fharsaingeachd a bhith leantainn cleachdaidhean na coimhearsnachd (no a' mhòr-chuid) air Uicipedia ach gum b' urrainn dhuinn taghaidhean eile a chur sìos am broinn nan aistean (mar a tha sinn a' dèanamh le ainmean dhùthchannan). Saoilidh mi gu bheilear a' cleachdadh 'referendum' mar as trice agus mar thoradh air sin, gur e siud as fhearr airson tiotal na duilleig. Chan eil ach glè bheag de dhaoine aig a' BhBC a bhios a' putadh reifreann. An-uiridh rinn mi rannsachadh air beachdan air 'a' Ghàidhlig ùr' agus 's e 'reifreann/referendum/barail-fhuasgladh' fear de na h-eisimpleirean a chleachd mi. B' e 'referendum' am fear a b' fhearr leis a' mhor-chuid is iad coma mun ceangal le Gaeilge a th' aig 'reifreann'. Bha a' mhor-chuid a' creidsinn leis gur e facal Laideann a th' ann gu bheil e a cheart cho math anns a' Ghàidhlig ri anns a' Bheurla, agus bha iad coma nach robh a' leantainn 'caol ri caol'. Chan eil mi ag ràdh gu bheil iad 'ceart' agus gu bheil beachd eile 'cearr' - ach gur e sin am beachd as cumanta, an consensus a lorg mi. Tha mi duilich gu bheil seo fada, ach gu ìre tha mi a' feuchainn a chur an cèill puing a tha nas farsaing na 'reifreann/referendum'. Cha ghluais mi an duilleag a-rithist ach bu toil leam beachdan air seo a chluinntinn bho mo cho-Uicipedichean! Thisissusanbell (an deasbaireachd) 18:39, 23 dhen t-Sultain 2014 (UTC)