Jump to content

Deasbaireachd:Maghlinn

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Carson a tha thu a' cleachdadh àireamh-shluaigh an àite àireamh sluaigh. Chan eil mi a' faicinn adhbhar airson an h, ach is dôcha gu bheil fios nas fheàrr agadsa.--Each-uisge 21:15, 3 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)

Uill, chan eil fios agam, càite agus cuin nochd am facal "àireamh-shluaigh" an seo airson a' chiad turais. Is dòcha gun tàinig e bhon an seo, an aon rud ann an: Angus Watson English-Gaelic dictionary, duilleag 227. Ach tha Colin Mark (duilleag 25) ag ràdh: "àireamh-sluaigh". --Sionnach 07:00, 4 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)
Uill, nam bheachdsa chan eil adhbhar sam bith ann airson an h. tha àireamh fireann, mar sin cha bhi an dàrna eileamaid a' seimheachadh. Ach ma tha thu ag ràdh bhon àireamh-shluaigh bithidh, air sgàth 's gu bheil ainmearan agus buadhairean fireann a' seibheachdadh san tuiseil tabhartach. Agus ann an ainmearan fillte, bidh an dàrna eileamaid coltach ri buadhair.--Each-uisge 19:53, 4 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)
Hm, cho fad 's a tha fios agam, tha àireamh boireann...--Sionnach 20:11, 4 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)
O Thighearna! Tha thu ceart, agus bha mi ceàrr fad bhliadhnaichean! Mar sin, is coltach gu bheil àireamh-shluaigh nas cumanta / ceart.--Each-uisge 20:43, 4 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)
Taing do Dhia, bha mi dìreach a' tòiseachadh an fhacail a lorg anns a h-uile faclair a th' agam... :-) Tha am facal àireamh-shluaigh a' nochdadh air nas motha na 500 duilleag an seo, agus cha bu toil leam sin atharrachadh!--Sionnach 21:11, 4 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)

Start a discussion about Maghlinn

Start a discussion