Deasbaireachd:Karl Prusik
Tha feum air duilleagan den seorsa seo air Uiciped na Gaidhlig. Is e an rud nach eil dith oirnn buraidheachd luchd na Beurla, a'cantainn nach faod sinn leudachadh fiosrachadh 's an teanga againn fhein mur eil e susbainteach gu leor dhaibhsan.
- @Riley Huntley: Please don't place "Delete" in an article just 1 minute after the start. As you can see there was enough content to identify the subject. That is discouraging to anyone, especially to new users that might be working on the article.
- @IP: Gu ìre mhòr tha mi a' dol leat. Ach na mo bheachd-sa chan eil Uicipeid feumach air cus artaigealan le dìreach 4 faclan is dà àireamh. Bhiodh e fada nas fheàrr seantans slàn a chur ann, is dòcha 4 no 5 loidhnichean agus beagan fiosrachadh a chur seachad mun chuspair seo. Agus rudeigin eile: Gach turas ma bhios mi "a' sabhalachadh" artaigeal mar seo, bidh sin a' toirt ùine air falbh bhuam airson aistean a bharrachd a sgrìobhadh leam fhìn. Le dùrachdan --Sionnach (talk) 09:18, 24 dhen Ògmhios 2012 (UTC)
@sionnach, Gabh mo leisgeul ach cha robh mi airson sgriobhadh seantans slan o chionns nach robh amas an artaigeal tusanach, ach carn a steidhicheadh, mus am biodh uicipeid na Gaidhlig a' toirt steornadh ri freumhan "Prusik" - facal a dh'aithnich iomadh streapadair leis a' Bheurla- air sgaths "pruisic" neo "bann-phruisic" a tha air an cleachdadh airson "pruisiceadh" (modh streapaidh suas ropa a tha na crochadh far aghaidh creige)- ged nach biodh e soillear do streapadairean 's an latha an diugh co/cait as a tha am facal a' tighinn- bha mi a' smaointinn gur e "Prussia" a bha aig cridhe na cuise gus an do lorg mi nota ann an faclair etymological o chionn goirid.