Deasbaireachd:Inbhir Nis
I've removed all this bias from this article as it has absolutely no relevance or citation - a good 20% of this article was ridiculously POV and I urge the member who edited it to revise Wiki's policy on impartiality. I have removed the questioning of Inverness' status as the capital of the Highlands, the statement that it is more like the lowlands and the statement clearly questioning its city status. Clearly whoever wrote these parts of an otherwise fine article has little if any time for Inverness.(sgrìobhte le 94.5.240.246 )
Chan eil fios agam de tha "POV" a' ciallachadh, agus tha e soillear dhomhsa nach eil thu a' tuigsinn gu bheil (agus carson) a tha an stoidhle "Priomh Baile na Gaidhealtachd" coinspideach. A chuir a' chuise gu simplidh chan eil an sgire aig "Comhairle na Gaidhealtachd" ach a' cuibhrigeadh pairt den Ghaidhealtachd. Tha crioch eachdraidheil na Gaidhealtachd a leantainn loidhne bho Glaschu gu Obair-dheathain, an seann crioch de canan, gniomhacas agus cultur eadar saoghal nan Gaidheal agus saoghal nan Gall. Tha Earra Ghaidheal, Na h-Eileanan Siar, Iar-thuath Siorramachd Sruighlea, an dara leth de Siorramachd Pheairt, Cuid Aonghais agus pairt de na Siorramachdan de Obair Dheathain, Banff agus Moireibh, anns a' Ghaidhealtachd- ged nach eil iad anns an sgire de Ughdarras Ionadail na Gaidhealtachd.
Is e bias a tha ann a chumail a-mach gu bheil baile rudeigin nach eil. Is gann gu bheil ginn de na goireasan (air barrachd Cathar Eaglais) a tha a' comharrachadh "cathar" aig a' bhaile seo. Chan eil an leabhar lann airidh air cathar Albannach (mar eismplir) agus tha goireasan eile -m.e. An Museum (priomh museum na gaidhealtachd?) air fas nas Gallta 's na beagan bliadhnaichean a chaidh: Nuair chaidh ath-leasachadh air taisbeanaidheann os cionn beagan bliadhna sguabadh as am fiosrachadh da chananach Gaidhlig/Beurla agus chuireadh fiosrachadh 's a' Bheurla a-mhain na h-aite.
Is duilich gu bheil "neach-deasachaidh" a tha comasach a dhubhaich a-mach Gaidhlig eu-deonach a chuir a chuid Gaidhlig fhein gu feum. Chanainn gu bheil a cleachdadh na Beurla, anns an doigh seo, a' comharrachadh inbhe bias.
Tha an alt mu Inbhir Nis caran lom agus eu-susbainteach airson "Priomh Baile na Gaidhealtachd". Tha mi an dochas gum bi cuideigin ionadail a' caradh sin ann an uine nach bi fada.(sgrìobhte le 86.132.17.252)
- "POV": faic an seo agus an seo. 'S e aon de na riaghailtean as bunaitiche, as cudromaiche a th' ann, feumaidh a-uile Wikis a ghabhail ris. (Chan e blog no fòram a tha ann an Wikipedia)
- @94.5.240.246 Fàilte do Wikipedia Gàidhlig! Carson nach cuir thu ris na h-aistean an àite a bhith a' gearan? --Sionnach 09:59, 11 dhen Dùbhlachd 2010 (UTC)