Jump to content

Deasbaireachd:Freiceadan Dubh

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Thusa a chuir an duilleag seo air dòigh, tha a' Ghàidhlig agad làn mhearachdan, ge 'r bith cò th'annad. Cha chreid mi nach eil thu dìreach air tòiseachadh ri h-ionnsachadh. Le do chead, feuchaidh mi ri ciall a dhèanamh aiste. A' chachaileith 23:56, 25 am Màrt 2008 (UTC)

A Chachaleith, mo charaid choir/ Nan robh tusa balbh, chaineadh tu gu leor.

Neach gun urra: nach math gu bheil caraid còir agad! A' chachaileith 17:16, 29 am Màrt 2008 (UTC)

Mas e caraid dhomh a th'annad, chan eil namhaid dith orm.
Is toigh leam d'obair as ur air an aiste seo co-dhiu, ged 's a tha mearachd neo dha ann.
Chan e "Achadh a' Chuirn" idir idir idir a' Ghaidhlig air "Waterloo", agus cha robh riamh, ach cha creids mi nach eil fios agam ciamar a rinn thu a' mhearachd shin. - 86.153.6.26

"Cha chreid thu nach eil fios agad"? THA fios agad, ma-tha 86.153.6.26 choir! A' chachaileith 08:13, 31 am Màrt 2008 (UTC)

:Eil "Arm Dearg" freagarrach? Tha mi eolach air na "Saighdearan Dearga", ach tha "Arm Dearg" caran "Sovietach"! --Creachadair 22:16, 26 am Màrt 2008 (UTC)
Chuir e iogantas orm a chiad trip a bha mi ga cluintinn agus cha b'e sin an deidh. Ma smaoineas tu mu deidhinn, is e ainm Gaidhealach de'n 18mh/19mh cheud a tha ann an "Arm Dearg" agus ainm Sasunnach/Aimeirgeach de'n fhiceadamh cheud a tha anns an "Red Army". - 86.153.6.26
Tha sin fior, agus ged a bheil an t-ainm seo traidiseanta, is fhearr leam airson "Arm Breatannach" a bhith air. Ann an aon doigh, tha "Redcoats" sa Bheurla a' ciallachadh na saighdearan agus na daoine aig Butlins!!! --Creachadair 22:08, 27 am Màrt 2008 (UTC)
Mar a tha mi gad thuigsinn: Chan eil thu ag iarraidh gum bi iomhaigh an airm dheirg so-faicseach air Uicipedia nan Gaidheal. Cha chanainn "An Arm Dearg" ris "An Arm Breatuinneach" anns an latha an diugh chan ann a mhain o chionns nach eil iad air caitheamh cotaichean dearg os cionn cheud bliadhna, ach air sgàths an ath-leasachaidhean mòr a chaidh air Arm na Breatainn rè an 19mh linn.
Nuair a bhitheas neach a' dubhadh às briatharachas nach toigh leis, bithidh e/i a' dùnadh sios slighean leasachaidh do'n Uicipedia 's an fharsuinneachd. -A' chachaileith

Cha bu mise idir a sgriobh an teachdaireachd shuas! Tha slaoightear air choireigin a' cleachdadh an deagh ainm agam. A' chachaileith 08:13, 31 am Màrt 2008 (UTC)

De a' Ghaidhlig air censorship? - 86.153.6.26


"Chan eil "Achadh a' Chuirn" idir idir idir a' Ghaidhlig air "Waterloo" - Se "Achadh a' Chuirn", ma tha thu bruidhinn mu dheidhinn "Waterloo" ri taobh an Ath Leathann, san Eilean Sgitheanach. Se "Bhatairliù" a tha air a' bhlàr fhèin, tha mi creidsinn. --Creachadair 18:27, 30 am Màrt 2008 (UTC)

Please sign all your comments. You can do this by adding --~~~~ to the end of each of them.

You can also format your comments by adding : for a reply, or :: to a reply to a reply.

Like so.
or so.

I'd recommend setting up an account too.

Moran taing airson na deasachaidhean a rinn sibh. Deanaibh cunntas pearsanta mas e bhur toil e.

Molainn "Wikipedia:Tutorial" dhuibh. Tha an duilleag sin sa Bheurla, ach cuidichidh e leis an siostam "wiki". --Creachadair 16:32, 30 am Màrt 2008 (UTC)

Àireamh ISBN

[deasaich an tùs]

Saoil, a chairdean, a bheil àireamh ISBN agaibh mu na leabhraichean:

  • "Fionn" (Henry Whyte), Naidheachdan Fìrinneach
  • Prebble, John, Mutiny: Highland Regiments in Revolt 1743-1804, Martin Secker & Warburg 1975

Bhiodh e math an cur ris na leabhraichean!--Sionnach 19:43, 30 am Màrt 2008 (UTC)