Deasbaireachd:Ceàrn (Matamataig)
Coltas
A bheil sian agad carson a tha sinn air gabhail suas air na facail reidio, reidius &c- facail a thanaig don Gaidhlig as fuaimean na Beurla os cionn 20+bl, ach a tha sinn a nis ath-sgriobhadh ri cruth na Beurla (radio, raidius)- a bhitheas aobharachadh atharrachadh air cruth nan facail a chleachdas sinn ann an cainnt????
- Chan eil mi idir a’ leigeil seachad air fhaclan mar “rèidio”, ach a thaobh “radius” ’s e sin am facal a th’ anns an Fhaclair Mhatamataig (agus cuideachd anns an Fhaclair le Wentworth). ’S e an t-iolra aige “radii” agus sin a’ sealltainn gur e facail Laideann a th’ ann – chan e facal Gàidhlig ’s chan e facal Beurla a th’ann. Leis an fhìrinn innse, cha bhiodh e mo roghainn-sa – ach uill, cò mise? Tha fios ’am gu bheil am facal “rèidius” air a mholadh aig GOC2 (ach a-rèir na molaidhean eile aca bu chòir dha bhith “rèidias” co-dhiù!) ach chan eil iad ag ràdh dè an t-iolra a th’ aige - “rèidiusan”? no “rèidii”? Ma tha sinn a’ cleachdadh “rèidii”, chan e facal Gàidhlig a th’ ann agus bu chòir sinn am facal ceart Laideann a chleachdadh, agus sin “radius”. ’S dòcha gun robh sin na cho-dhùnadh Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, cò aig tha fios?
- A thaobh “raidian” (“radian” sa Bheurla), cha d’fhuair mi facal Gàidhlig sam bith air a shon ann am faclair sam bith. ’S mar sin, ghoid mi facal bho chanan eile – bho Ghàidhlig na h-Eirinn. ’S dòcha gur e nur beachd-sa nach bu chòir dhuinn faclan a ghoid ach bhon Bheurla.
- A thaobh fuaimneachadh nam faclan seo, chanainnse “raidian” mar a tha e a’ sgrìobhadh – ’s dòcha gum bidh “rèidian” cumanta, air fhuaimneachadh mar a th’ anns a’ Bheurla, anns an àm ri teachd. Is mòr am beud nam bheachdsa ma bhios. A thaobh “radius”, tha mi cinnteachd gur e “rèidius” a tha sinn uile ag ràdh. Ach a bheil seo cudromach? Tha am facal “ceilidh” aca sa Bheurla – ’s chan eil duine ag ràdh gum bu chòir dha bhith air an litreachadh “kaylee”.
- Tha mì-chinnt mòr mòr agamsa ann an sgrìobhadh air chuspair mar mhatamataig – gu h-àraidh chionns nach eil briathrachas aithnichte againne sa Ghàidhlig, ach chionns gu bheil Faclair Matamataig ann – agus iad sin na faclan a tha iad a’ cleachdadh anns na sgoiltean – is iadsan na faclan a tha mi fhìn a’ cleachdach air a’ chiad dol-a-mach anns na sgrìobhaidhean agamsa. Ma tha mi tùr an aghaidh facail a chaidh a mholadh anns an fhaclair seo, cleachdaidh mi fear eile ma tha facal nas fheàrr agamsa. Fhad ’s nach eil, tha mi a’ cleachdadh nam faclan bhon leabhair bheag seo.
- Mur eil sibh a’ dol leis na beachdan agamsa, tha comas agaibhse an teacsa seo atharrachadh. Am Fiosaigear 00:32, 27 December 2007 (UTC)
Start a discussion about Ceàrn (Matamataig)
Talk pages are where people discuss how to make content on Uicipeid the best that it can be. You can use this page to start a discussion with others about how to improve Ceàrn (Matamataig).